Mo Dhùthaich ri Tighinn air M’ aire

Na h-Eileanan Siar

28 An t-Ògmhios 2021

Òran le Uilleam MacCoinnich (1857-1907) Air a rannsachadh is air a ghabhail le Alice Nic a’ Mhaoilein

Faclan

Bidh mo dhùthaich ri tighinn air m’ aire,
Bidh mo dhùthaich, co-dhiù an dachaigh,
An taobh Cnoc Chùsbaig san Eilean Fhada,
’S an Cuan a Tuath ri cur cuairt air fhearann.

Bidh mi cianail ’s chan iongnadh dad dheth,
Fàgail Shiadair ’s a’ triall bho m’ dhachaigh,
Far robh mi dòigheil le lòn ’s le aran,
Mi fàgail còir dheth ’s a sheòl mi ’s t-Earrach.

’S ann ann a fhuaireadh mi na mo leanabh,
’S ann ann a dh’fhàs mi nuair bha mi ’m bhalach,
’S mi ann le Màiri ’s mo phàistean laga,
Nach cianail fhàgail ’s mi ’n sàs ri leth-cheud.

O, bidh mi smaointinn air tìd’ chaidh seachad,
Mo theaghlach caomh ri mo thaobh mun teine,
Air glùin am màthar le gràdh gan altram,
Mun d’ thàinig bàs air ar sgàth gar sgapadh.

Tha e cruaidh an cuan tuath dhol eadar;
Cò ghabhas diù dhìom nuair thig mo laige?
Cò bheir am bùrn dhomh no bheir dhomh aran
Bho chaill mi Màiri ’s a h-àite falamh?

Cha leig mi bhuam iad ach nì mi ’n leantainn,
Thèid mi null gu taobh thall na mara;
Gheibh sinn àite anns an dèan sinn tàmhachd,
Ged bhios an làrach-s’ air fhàgail falamh.

Bho shìn am bàs rium ’s e dh’fhàg mi falamh,
Tha m’ fheòil ’s mo chnàmhan ’s an sàl dol eadar,
’S mo dhachaigh fàsail gun fàileadh teine,
’S mi fhèin ’s mo chlann air taobh thall na mara.

Tha ’n t-àm tighinn dlùth, ’s chan eil dùil a sheachnadh,
’S am feum mi seòladh cha mhòr ach seachdain,
’S am fàg mi ’n dùthaich ’s an lùiginn cadal,
Air bàt’ na smùide, ’s mi gun dùil thigh’nn dhachaigh.

Mar a thagh mi an t-òran

Thagh mise dà òran (Eilean Leòdhais leis a’ Ghàidhlig agus Mo dhùthaich ri tighinn air m’ aire) a chaidh a sgrìobhadh le Uilleam MacCoinnich, Bàrd Chnoc Chùsbaig mar a tha sinne eòlach air. Bha mi airson òrain a dhèanamh aig an robh ceangal rim theaghlach fhèin. Tha tòrr diofar sgrìobhadairean againn san teaghlach ach thagh mi Uilleam chionns gu robh e a’ fuireach direach sìos an rathad bhuamsa. Cuideachd, bha mi airson amhrain a thaghadh nach cluinnear cha mhòr aig duine an-diugh. Bha e gu math cudromach dhomh dà òran a thaghadh nach eil air an gabhail tric airson briathrachas a’ bhàird a thoirt seachad.

An t-ùghdar

Rugadh Uilleam Dhòmhnaill ’ic Choinnich ann an Siadar an Rubha, Leòdhas, ann an 1857. Thàinig cuideachd athar dhan Rubha bho thaobh Loch Seilg air na Lochan agus thàinig màthair Uilleim, nighean Mhurchaidh Mac ’ill Lèighe, à Seisiadar,. Fhuair a h-athair pìos fearainn ann an Siadar an uair a chaidh an taca a thoirt bhon uachdaran Gillanders ’s a bhriseadh na lotaichean ann am meadhan na naoidheamh linn deug. Bha seachdnar ann an teaghlach athar, sianar bhalach agus aon nighean, agus bha triùir de na mic ri bàrdachd.
B’ e Uilleam a b’ òige san teaghlach. Mus robh e ach òg chaidh athair agus dà bhràthair dha a bhàthadh ’s iad ag iasgach le lìn-mhòra. Bha Uilleam agus dithis bhràithrean, Iain agus Murchadh (Am Paidhleat), a’ fuireach air an aon fhearann eadar “a’ Bhuail’-fheòir is Cnoc Chùsbaig” ann an Siadar. Eadar an triùir, bha aca “aona mac deug ann de ghillean ciatach” mar a tha e ag ainmeachadh anns an òran Mo dhùthaich ri tighinn air m’ aire.
B’ ann à Garrabost, an ath bhaile, a bha bean Uilleim, Màiri nighean Alasdair MhicAoidh. Bha ceathrar chloinne aig Uilleam agus Màiri; triùir mhac, Dòmhnall, Iain agus Alasdair a chaochail na leanabh, agus aon nighean, Oighrig.
Bha Uilleam agus Màiri pòsta airson fichead bliadhna mus do sgar am bàs iad. Thog an teaghlach orra a Chanada agus lean Uilleam a mhic gu Fort William, Ontario. Bhàsaich e an sin ann an 1907 agus tha e air adhlacadh an Cladh Mountain View anns a’ bhaile.
Bha dachaigh Uilleam fo bhonn Cnoc Chùsbaig agus sin mar a thàinig an t-aimn Bàrd Chnoc Chùsbaig air. Sgrìobh e tòrr amhrain as dèidh dha bhean bàsachadh – mar eismpleir Màiri nighean Alasdair. ’S e bàrd gu math ainmeil a bha ann agus bha e an-còmhnaidh gu math pròiseil às an eilean agus a chànan.

An t-òran

Sgrìobh Uilleam an t-òran cianalais seo fhad ’s a bha e ag ullachadh airson a bhith a’ fàgail a dhachaigh aig bonn Cnoc Chùsbaig, ’s e a’ falbh a-null a Chanada as dèidh dha bhean bàsachadh.
Tha an t- òran seo a’ bruidhinn mu dheidhinn a bheatha agus nuair a bha e na bhalach òg. Tha na cuimhneachain a bha aige air a bhith a’ fàs suas ann an Cnoc Chùsbaig ga dhèanamh gu math brònach, leis gu bheil e gu bhith falbh. Bha e air a bhean, Màiri, a chall agus a mhac cuideachd, nuair a bha e gu math òg, ’s bha seo gu math duilich dha. Lean e na bha air fhàgail dha theaghlach a-null a Chanada oir cha robh e airson ’s gum biodh e leis fhèin.
Tron òran tha e ag innse mu na h-obraichean làitheil a bh’ aca - balaich a’ càradh lìn agus a’ faighinn deiseil airson a bhith a’ falbh a-mach gu muir, na boireannaich ag obair air a’ chuibhle-shnìomh.

Buidheachas

Bu mhath leam taing a thoirt do mo sheanmhair, Etta Nic a’ Mhaoilein, airson an fhiosrachadh a thug i dhomh mu dheidhinn Uilleam, agus do mo sheanair, Seonaidh ‘Beag’ Mac a’ Mhaoilein, airson an òran a theagasg dhomh.

← Air ais gu liosta nan òran