Mo Mhallachd air na Caoraich Mhòr –
19 An Gearran 2024
Òran le Eòghann MacDhonnchaidh air a rannsachadh agus air a ghabhail le Caitlyn Yule
Faclan
Mo mhallachd aig na caoraich mhòr!
Càit bheil clann nan daoine còir?
Dhealaich rium nuair bha mi òg,
Mus robh Duthaich ‘ic Aoidh na fàsach?
Tha trì fichead bliadhn’ ‘s a trì
On dh’fhàg mi Dùthaich MhicAoidh.
Càit’ bheil gillean òg mo chrìdh
‘S na nighneagan cho bòidheach?
Shellair, tha thu nis nad uaigh-
Gaoir nam bantrach na do chluais;
Am milleadh rinn thu air an t-sluagh
Ron uiridh, ‘n d’ fhuair thu d’ leòr dheth?
Bhàin-diùc Chataibh, bheil thu ad shìth?
Càit a bheil do ghùnan sìod?
An do chum iad thu bhon oillt ‘s bhon strì
Tha an-diugh am measg nan clàraibh?
Chiad Dhiùc Chataibh, led chuid foill,
‘S led chuid càirdeas do na Goill,
Gum b’ ann an Iutharn bha do thoill,
Gum b’ fheàrr Iùdas làmh rium.
Mo mhallachd aig na caoraich mhòr’!
Càit bheil clann nan daoine còir?
Dheallaich rium nuair bha mi òg,
Mus robh Duthaich ‘ic Aoidh na fàsach?
Mun òran
Chaidh an t-òran seo a’ sgrìobhadh le Eòghann MacDhonnchaidh à Tunga ann an Dùthaich MhicAoidh. Dh’fhuirich e an sin eadar 1842 agus 1895 agus b’ e ‘Bard nam Fuadachan’ a bh’ aca air.
Tha an t-òran a’ magadh air trì dhaoine gu sònraichte a bh’ air cùl na fuadaichean ann an Cataibh; A’ Chiad Diùc Chataibh, a Bhàna-Dhiùc Chataibh agus Pàdraig Sellar. Roinn an Diùc agus a’ Bhana-dihùc a mhòr-chuid de ‘n tìr ann an Cataibh eatarra iad. 'S e daoine connspaideach a bh' annta ri linn mar a bha iad an sàs ann am fuadaichean Chataibh.
Bha Pàdraig Sellar, fear eile air a bheil iomradh anns an t-òran, air fastadh le Bàna-Dhiùc Chataibh gus muinntir Chataibh fhuadachadh cha mhòr gu lèir. Bha Sellar cruaidh agus, a’ dol cho fada ria’ bhith a’ losgadh dachaighean dhaoine. Chaidh a thoirt dhan chùirt airson nan eucorairean olc a rinneadh leis, ach chaidh a’ shaoradh. Anns an t-òran tha MacDhonnchaidh a' cur ceist air Sellar, a' faighneachd dha «an d’ fhuair thu d’ leòr dheth?
Dh'fhàg na mìltean de dhaoine mar thoradh air na rinneadh leis an Diùc, a' Bhana-dhiùc agus Sellar agus Tha a’ Bhàrd a’ chur an cèill gu follaiseach a ghràin a th‘aige orra uile as an t-òran chumhachdach seo.