Mo Mhallachd air na Caoraich Mhòr
A' Ghàidhealtachd
10 An Giblean 2020
Òran le Eòghann MacDhonnchaidh
Air a rannsachadh ‘s air a ghabhail le Chloë Bryce
Faclan
Tha trì fichead bliadhna ’s a trì
On a dh’fhàg sinn Dùthaich Mhic Aoidh
Càit’ bheil gillean glan mo chridh’
’S na nighneagan bha bòidheach.
Mo mhallachd air a’ chaora mhòir,
Cait’ bheil clann nan daoine còir?
Dhealaich rinn nuair bha sinn òg
Mus robh Dùthaich ’Ic Aoidh na fàsach.
Mach a-nis a Shealair, fhuair thu bàs
’S ma fhuair thu ceartas, fhuair thu blàths;
An teine leis na loisg thu càch
Gum faigh thu fhèin gu leòr dheth.
Mo mhollachd air a’ chaora mhòir,
Cait’ bheil clann nan daoine còir?
Dhealaich rinn nuair bha sinn òg
Mus robh Dùthaich ’Ic Aoidh na fàsach.
An t-òran
Chaidh facail an òrain a sgrìobhadh le Eòghann MacDhonnchaidh, iasgair à Tunga air an robh ‘Bàrd nam Fuadaichean’. Bha e beò eadar 1842 agus 1895 agus chaidh càrn-cuimhne a thogail dha faisg air Caolas Thunga, far an do bhàsaich e. Anns an òran, tha e ag innse mar a tha an sgìre ionadail aige, Dùthaich MhicAoidh, a-nis na fàsaich on a chaidh na daoine fhuadach aiste agus chan eil ach caoraich nan àite.
’S ann ann an 1958 a rinn Anndra Stiùbhart clàradh de dh’Iain MacAonghais a’ gabhail an òrain seo. Lorg mi an clàr ann an Sgoil Eòlais na h-Alba. Rinn mi rannsachadh air na diofair sheirmean ceangailte ris an òran agus ’s e am fonn mi-àbhaisteach seo a chleachd Iain MacAonghais, as motha a chòrd rium.
Aithneachadh
Air a chlàradh aig Chem19, Blantaidhr
Air fhiolmadh aig Moniack Mhòr – Ionad Sgrìobhaidh Chruthachail na h-Alba
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùis Stephanie Foster
