O cha bhi Nollaig ann

Earra-Ghàidheal is Bòd

21 Am Faoilleach 2021

Le Eàirdsidh MacNèill
Seachdain 47 – 21.01.2021

Air a ghabhail le Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein

Faclan

O cha bhi Nollaig againn
Olc gur cèarr ’s gur b’oil leinn e;
’S e chùis a dh’fhàg sinn dorannach
A’ chulain bhith sa bhàta.

’S thàinig an treasamh là deug oirnn
Mar dh’òrdaich Rìgh na h-Èipheit dhuinn
’S an àite ceòl is èibhinneas
Gur èisinneach a tha sinn.

Bha a’ ghaoth an ear ’s i ’g usbagaich
Is sìoman geal ga froiseadh dhi
’S chùm siud air tìr na portairean
’S bha a’ chulain anns a’ bhàta.

’S bha ùbhlan agus peuran ann
Is bonnaich bheag an dèididh ann
Is rudan beaga bìodach air
A’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig.

O cha bhi Nollaig againn
Olc gur cèarr ’s gur b’oil leinn e
’S e chùis a dh’fhàg sinn dorannach
A’ chulain bhith sa bhàta.

An t-òran

Chaidh an t-òran seo a dhèanamh aon àm Nollaig nuair a bha an t-sìde cho dona ’s nach b’ urrainn do mhuinntir Cholbhasa am bathar fhaighinn air tìr on bhàt’-aiseag, an Dunara. B’fheudar dhan bhàta cumail orra is bathar Nollaig is Bliadhn’ Ùir nan Colbhasach fhathast air bòrd.

An t-ùghdair

B’ e Gilleasbaig MacNèill, Bàrd Cholbhasa, a rinn an t-òran. Rugadh e ann an 1843. An dèidh greis a thoirt aig muir sa Chabhlaich Mharsanta thill e air ais gu Riasg Buidhe, am baile beag san d’rugadh e. Tha e air taobh sear Cholbhasa, dà mhìle tuath air A’ Ghlas-Àird. Bhiodh Gilleasbaig ri iasgach ghiomach as t-samhradh, na shealgair choineanach sa gheamhradh agus a’ togail bhàtaichean an-dràsta ’s a-rithist. Cha do phòs e riamh.

Anns an leabhar Dìleab Cholbhasa (deasaichte le Mòrag Law, Acair 2013) thug Barbara Satchel, a rugadh ann an Riasg Buidhe ann an 1917, dealbh air a’ bhaile:

“B’ e sreath de thaighean-tugha dlùth air a’ chladach a bh’ anns a’ bhaile bheag seo, taighean a thog muinntir a’ bhaile iad fhèin. Bha cabhsair de chlachan sìnte a’ ruith o cheann gu ceann mun coinneamh. Bha croitean thall pìos math air cùl a’ bhaile. Anns a’ chiad taigh san t-sreath bha an bàrd Colbhasach, Gilleasbaig MacNèll, a’ fuireach. Bha cù mòr dubh aige le Ready mar ainm agus bha Ready crosta. Ann an 1922 b’fheudar dhuinn an t-àite prìseil seo fhàgail. Thog a’ Bhan-mhormhair Strathcona deich taighean mòra gasta dhuinn anns a’ Ghlas-Àird ach cha robh dhìth air a’ bhàrd a thaigh fhèin fhàgail. Dh’fhan e leis fhèin fad mìosachan anns an Riasg mus tàinig e don Ghlas-Àird.”

Chan eil mòran de dh’òrain Ghilleasbaig air lorg an-diugh ach seo ceathramhan a sgrìobh e don Ghlas-Àird agus na taighean ùra :

Chì thu fhèin gu bheil iad rìomhach
Air an gnìomh le aol ’s le clachan
Sglèatan tana Bhaile Chaolais
Tha gan dìon bho ghaoth ’s bho fhrasan

Bidh gu leòr againn co-dhiù
Gheibh sinn inneal-giùlain dhachaidh.
Chan iarr sinn each airson a shlaodadh
’S e cho luath ri gaoith an earraich.

Chaochail Gilleasbaig ann an 1924.

An t-àite

Tha Colbhasa tuath air Ìle, an iar air Diùraigh agus mu 15 mìle deas air Muile agus Eilean Ì. Eilean beag a tha ann, mu dheich mìle o cheann gu ceann agus mu dhà mìle a leud. Deas air Colbhasa agus tarsainn air An Fhadhail tha eilean beag Orasa gu faigh daoine nuair a tha an làn freagarrach. Tha manachainn ainmeil a bhuineas don cheathramh linn deug air Orasa ach ’s ann air Colbhasa a tha seirbheisean mar sgoil, eaglaisean, taigh-òsta, raon goilf agus bùth.

← Air ais gu liosta nan òran