O Thugainn a Rùin air fonn – Doire na Smeòraich

19 An Gearran 2024

Òran le Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh a' Bhocs) air a rannsachadh agus air a ghabhail le Iris NicLeòid

Faclan

O, thugainn a rùin 's mo dhùil dhol thairis,
'S gu 'm faic sinn gach gnùis, 's gach sùil is math leinn
Le eòlas cairt-iùil nì chùrs am maraich'
'S a shùil ri cladaichean Leòdhais.

Is fhathast air chuairt 's e m' luaidh dhol thairis
Gu tìr nam beann fuar don chuan tha 'g amharc
Bheir gràdh do m' shluagh 's gun fuath neach eile
Gach uair gu Mullach an Tòil mi.

Gur binn bhios an fhuaim 's ar cluas ri claistneachd,
Ri cluinntinn a' chuain fad' bhuainn le caithream;
Bidh osnaich nan stuagh a' gluas'd ar n-aigne,
Tha bualadh cladaichean Leòdhais.

Cluinn muir an Taoibh Siar sruth dian le cabhaig,
Ri tràghadh 's a' lìonadh riamh 's gach cladach,
'S aig creagan na h-Àird 's muir bàn mun dosan,
Far 'm b' àbhaist dhuinn a bhi eòlach.

Tha cuideachd ar gràidh 's gach àit' air sgapadh,
Bhiodh leinn anns an Àrd 's air àrd nam monadh;
'S sinn subhach gach là am bràigh nan gleannan,
'S gun chàil air thalamh toirt leòin dhuinn.

Nach caomh leinn gach àit bha tràth dhuinn aithnicht'
Is aoidh air na blàir le fàs a' chanaich?
'S na h-eòin len dàin bidh tràth 's a' mhadainn
Air geàrraidh mhaisich Ghlinn Hòrdail.

'N uair chì sinn sa bhàgh air fàire am baile,
Le bhinneagan àrd tha 'm bràigh a' chala,
Gun ruig sinn air sàl gaoth àrd nam beannaibh,
Toirt slàint bho mhonaidhean Leòdhais

Mar a thagh mi an t-òran

Thagh mi dà òran às an leabhar ‘Fear Siubhal nan Gleann’: ‘O, Thugainn a Rùin’ agus ‘A' Dìreadh Cluaintean Easclaid’. Tha an dà òran seo mu dheidhinn an dachaigh aig Murchadh MacIlleMhoire, agus na cuimhneachain aige mu dheidhinn cho brèagha ’s a bha Eilean Leòdhais.

An t-ùghdar

Rugadh Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh a' Bhocs) ann an Mullach a Toll/Mullach an Tòil, Si-adar Uarach, Eilean Leòdhais, ann an 1884. Ghluas e a Steòrnabhagh ann an 1903 airson obrachadh mar fhuineadair airson trì bhliadhna, mus do ghluais e gu baile mòr Glaschu ann an 1906. Mu dheir-eadh thall, rinn e eilthireachd gu Ameireaga ann an 1911. Sheòl e gu Ameireaga agus rinn e dachaigh ann an Niagara Falls, New York, far an do dh’ fhuirich e airson a’ chòrr de bheatha. Sgrìobh e iomadh òran mu dheidhinn an eilean far an do rugadh e, a mhòr-chuid dhiubh nuair a bha e a’ fuireach ann an Glaschu. Chaidh na h-òrain seo a chuir ri chèile anns an leabhar, ‘Fear Siubhal nan Gleann’, a chaidh fhoillseachadh ann an 1923.

← Air ais gu liosta nan òran