Òran an Ròin

Sgìrean Eile

23 An t-Sultain 2020

Gun Urra
Seachdain 38 – 23.9.2020

Air a ghabhail le Emma Nicleòid

Faclan

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hì o hò i ì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi ’m ònar a-raoir.

’S mairg san tìr seo, ’s mairg san tìr
’G ithe dhaoine ’n riochd a bhìdh;
Nach fhaic sibh ceannard an t-sluaigh
Goil air teine gu cruaidh cruinn.

’S mise nighean Aoidh mhic Eòghainn,
Gum b’ eòlach mi mu na sgeirean;
Gur mairg a dhèanadh mo bhualadh
Bean uasal mi o thìr eile.

Thig an smeòrach, thig an druid
Thig gach eun a dh’ionnsaigh nid;
Thig am bradan thar a’ chuain
Gu Là Luain cha ghluaisear mis’.

Cuspair an Òrain

Anns an leabhar Òrain Iain Mhic Fhearchair (Oliver and Boyd, Dùn Èideann, 1938) a sgrìobh e mun bhàrd Iain MacCodrum à Uibhist a Tuath, tha an sgoilear ainmeil, an t-Urr Uilleam MacMhathain, ag innse sgeulachd a tha a’ dol leis an òran seo:

“Bha gillean òga aon uair a’ sealg ròn air Haisgeir. Mharbh iad mòran agus bha iad ag obair fad an latha a’ leaghadh saill nan ròn a bu mhotha. An uair a thàinig an oidhche ghabh iad a-steach dhan bhothan a bh’ aca agus thòisich iad a’ deasachadh ròin airson am bidh. An sin chuala iad guth tiamhaidh a’ seinn a-muigh air sgeir.”

Bha daoine ann an iomadh àite a’ sealg ròin. Bhite ag ithe na feòla agus a’ dèanamh aodach is eile len craicinn. Bha ola ròin prìseil cuideachd, cha b’ann a-mhàin ann an lampaichean, ach mar mhathachadh agus mar leigheas. Ghabhadh duine a bhiodh a’ fulang leis a’ chuing beagan ola ròin agus uaireannan bhite ga suathadh ri broilleach no ri altan a bha goirt. Bhiodh clann a’ faighinn drùthag bheag ola-ròin gach madainn mas fhalbhadh iad dhan sgoil agus bhite ga toirt dha beathaichean cuideachd.

Tha abairt ann “Is math am biadh feamanaidh aran seagail is ola ròin”, a’ ciallachadh biadh a bheireadh neart dhut airson obair a bha cho cruaidh ri latha a’ buain feamainn. Bha abairt eile ag ràdh “Is toigh leinn an ròn ach cha toigh leinn naidheachd an ròin,” a’ ciallachadh nach robh droch aimsir fad às. Bha cuid de dh’ iasgairean nach iarradh am facal ròn a chluinntinn air bòrd bàta . B’ e “bèist-mhaol” no “cù-mara” a chanadh iad na feumadh iad bruidhinn orra.

Anns an leabhar Òrain Iain Mhic Fhearchair tha Uilleam MacMhathain cuideachd ag ràdh gu robh mòran de sheann sgeulachdan an Uibhist a Tuath mu ròin agus mun an dàimh a bha aca ri Clann ’ic Codrum gu h-àraid. Clann Mhic Codrum nan Ròn, mar eisimpleir, a chante ris na daoine dom buineadh am bàrd.

Chante cuideachd gur e Clann Righ Lochlainn fo gheasaibh a bh’ anns na ròin. Bho chionn fhada an t-saoghail, a rèir na sgeòil, bha triùir ghillean aig Rìgh Lochlainn. Bha iad eireachdail agus uasal anns a h-uile dòigh ach bha gràin an uilc aig am muime orra. Chaidh i a dh’ ionnsachadh sgoil dhubh fad sheachd latha is sheachd bliadhna agus an uairsin chuir i iad fo gheasaibh nach b’iasg iad ’s nach b’ ainmhidh iad, ag ràdh “Gus an tèid an cuan na thràigh, bidh am miann-mara gu tìr is am miann-tìre gu muir.”

Bha e cuideachd sa gheas gu feumadh iad tilleadh gun cruth nàdarrach trì uairean sa bhliadhna nuair a bhiodh a’ ghealach làn, mar gum biodh ag ùrachadh a’ chall a thàinig orra dhaibh. Bha e air a ràdh nam faiceadh tu fear dhiubh aig an àm sin gun tuiteadh tu ann an trom ghaol leis ach, nam pòsadh tu e, bhriseadh e do chridhe or dh’fheumadh e tilleadh chun na mara, gad fhàgail ag ionndrainn ’s a’ caoidh airson an fhir nach tilleadh gu bràth.

Seo òran beag eile mu ròin.
Ann an Caolas Od-odrum,
Far an caidleadh an ròn,
’S far nach cluinnte guth duine,
Ach fuaim tuinne ’s glog geòidh.

Mar mhuime ’g altram a pàistean,
’S gan tàladh gu ciùin,
Gu bheil tulgadh nan cuantan
Gar sìor-luasgadh nar suain.

Tha an ròn rìoghail a’ gusgail,
’S an eala guileag ra thaobh,
’S a’ mhaighdeann-mhara ri bruadar
An uaigneas air laoch.

← Air ais gu liosta nan òran