Òran Bhàgh a’ Chàise

Na h-Eileanan Siar

15 An t-Ògmhios 2016

Òran le: Aonghas Moireasdan, (Aonghas Uilleim Aonghais)
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Ellen NicDhòmhnaill

Air a dhèanamh le Aonghas Moireasdan, Aonghas Uilleim Aonghais, a thàinig à Sgalpaigh a dh’fhuireach ann am Bàgh a’ Chàise mar a rinn mòran theaghlaichean aig an àm. Fhuair mi an t-òran seo bho bhràthair mo sheanmhar Rods MacIllInnein (Ruairidh Dhòmhnaill Dhòmhnaill).

Faclan

Gur mis’ tha fo mhì-ghean is m’ inntinn fo chràdh,
Mi seòladh à Cluaidh moch Diluain thar an t-sàil,
Cur cùl ris an àite às an dùraiginn tàmh,
Uibhist nam mòr-bheann dhan òg thug mi gràdh.

Nuair thàinig mi òg ann gun eòlas air càs,
Sealg air na h-eòin ann an òb Bàgh a’ Chàise;
Sin thug mi gu seòladh long mhòr nan cruinn àrd,
’S e bhith strì ris a’ chuan dh’fhàg fo luaisgean mi ’n dràst’.

Bha m’ uair aig a’ chuibhle ’s am paidhleat air bòrd,
Gur tric bhios e seinn rium an long chumail stòlt’.
’S ann bhios m’ inntinn-s’ air chuairt far an d’ fhuairear mi òg
A dh’Uibhist a Tuath, eilean uaine nam bò.

Na h-inghneagan òga bu bhòidhche nan snuadh
Bhith gabhail nan òran mu bhòrd na clèith-luaidh;
Chan fhaic mi nas mò iad mar b’ eòlach leam uair,
Tha fasan na Galltachd ri teanntainn gu tuath.

← Air ais gu liosta nan òran