Òran Dhòmhnaill Mhogastad

Na h-Eileanan Siar

29 An t-Ògmhios 2021

Òran gun urra Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Peigi Nic a’ Phiocair

Faclan

Sèist
Fàilte dhut ’s deoch slàinte leat
’S i ’n fhàilte chuirinn às do dhèidh
Fàilte dhut ’s deoch slàinte leat

Nuair a ràinig sinn Roghadal
Fhuair sinn soirbheas nach robh gann,
Fhuair sinn sealladh air an iubhraich
Rinn air a’ Chooper chrùbach call.

Siud far an robh ’n “hurly harley”;
Dìreadh ’s a’ teàrnadh na staidhir’;
Bhristeadh dorsan, sgoltadh glasan,
‘S thug iad a-mach i gun thaing.

Thàinig mach am bàillidh, Cooper
’S gunna dùbailte na laimh;
Labhair e ann an Gàidhlig ’s am Beurla:
“Who is there!” na “Cò siud ann?"
An sin thuirt Cooper ri Ailig,
“Èirich ’s thalla ’s na dèan maill;
Gheibh thu mìle is baile fearainn,
’S faigh mo leannan ’s i air chall”

Dh’èirich Ailig moch sa mhadainn,
’S thug e leis each bu bhrasa ceum;
Nuair a ràinig e cùl na Hearadh
Bha ’n Eliza air falbh fo bhrèid.

‘S ann a dh’fhalbh a’ chàraid àlainn
À Baile Raghnaill an-dè
Mgr Dòmhnall is Miss Seasaidh
’S thog iad an casan le chèil’.

Mar a thagh mi an t-òran

Thàinig mi air an òran seo air Tobar an Dualchais fhad ’s a bha mi a’ rannsachadh an sgainneal mu Sheasaidh Bhaile Raghnaill agus Dòmhnall Mhogastad. Chuala mi clàradh de Anna Arnott à Lianacro san Eilean Sgitheanach ga ghabhail agus bha e inntinneach leis gun robh i fhèin eòlach air sgeul Dhòmhnaill Mhogastad agus a’ faicinn na sgeòil bho shealladh an Eilein Sgitheanaich, a bharrachd air bho thaobh Uibhist ann a ‘Mo Bheannachd don Bhàillidh Ùr’. Lorg mi faclan air an sgrìobhadh san leabhar ‘From the Farthest Hebrides’ às an d’thug mi rann neo dhà, a bharrachd air tàr-sgrìobhainnean bho Thobar an Dualchais.

An t-ùghdar

Bho bhith ag èisteachd ri diofar thionndaidhean den òran tha e coltach gur ann bho bheul-aithris a bha an t-òran seo air a sgaoileadh agus bha na faclan rud beag diofraichte aig gach duine a ghabh e. Mar sin, dh’fhaodar a ràdh gur e ùghdar ùr a bh’anns gach seinneadair le diofar sheallaidhean air an stòiridh.

An t-òran

Tha an t-òran seo ag innse ann an stoidhle gu math èibhinn mu Dhòmhnall Mhogastad as an Eilean Sgitheanach a choinnich ri Seasaidh Bhaile Raghnaill thall ann an Uibhist a Tuath. Leis gur e sgàinneal mòr a bh’ann aig an àm (1849), ’s dòcha gu bheil pàirtean air an cur ris an fhìrinn, ach tha e ag innse an stòiridh ann an dòigh gu math soilleir, gun deach Dòmhnall Mhogastad a dh’fhaighinn Seasaidh Bhaile Raghnaill bho Uibhist far an robh e ag obair. Cha robh pàrantan Seasaidh air an dòigh leis gun robh iad an dùil gum pòsadh i am Bàillidh Cooper a bha gu math beartach. Theich Dòmhnall agus Seasaidh air falbh dhan eilean air a’ bhàta Eliza agus bha ùpraid mhòr ann feuch an glacadh teaghlach Sheasaidh air ais i. Bha fiù ’s cùirt ann an Inbhir Nis mun a’ ghnothach, a’ sealltainn an uiread de dhaoine air an tug an tachartas seo buaidh! Nuair a fhuair iad air falbh mu dheireadh thall chaidh iad air adhart a dh’Astràilia agus cha do thill iad a-riamh.

Fiosrachadh eile

Tha an t-òran seo a’ toirt iomradh air Mogastad san Eilean Sgitheanach agus Baile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath. Tha an dà àite faisg orm fhìn leis nach eil Mogastad fada bhon taigh agam agus tha teaghlach agam ann an Uibhist a Tuath faisg air Baile Raghnaill. Mar sin bha e inntinneach ionnsachadh tro òrain mu cheangail eadar an dà àite. Fhad ’s a bha Dòmhnall Mhogastad a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath dh’fhuirich e ann an taigh ann am Baile Locha, an dearbh àite far am bi mi fhìn ’s mo theaghlach a’ fuireach nuair a bhios sinn a’ tadhal.
B’ e am Bàillidh Cooper am fear a bha pàrantan Sheasaidh airson ’s gum pòsadh i, ach bha i ann an gaol le Dòmhnall Mhogastad.

Buidheachas

Taing mhòr do Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein airson an stiùireadh aige agus dha m’athair airson a bhith a’ brosnachadh cuspairean rannsachaidh dhomh.

← Air ais gu liosta nan òran