Òran do Chataibh
A' Ghàidhealtachd
28 An t-Ògmhios 2021
Òran le Iain Rothach (1791-1837) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Calum Rosach
Faclan
O thèid sinn, thèid sinn le suigeart agus aoidh
O thèid sinn, thèid sinn gu deònach,
O thèid sinn, thèid sinn thairis an t-Srùidh,
Gu tìr ar dàimh is ar n-eòlais.
Ged bha sinn bliadhntan fada, fada bhuaithe
Am Baile Chluaidh a’ còmhnaidh,
An tamall beag gun trèig sinn ar gairm is gun tèid sinn
A dh’fhaotainn an gràidh is an còmhraidh.
Gun doir sinn ruaig a-rithist don taobh tuath
Gun doir sinn ruaig do Dhòrnach
Is chì sinn Droit-an-aigh is fa chomhair air gach taobh
Caistealan is pàircean is lòintean.
Is chì sinn an Caol air am faca sinn le gaoith’
Bàtaichean aotrom a’ seòladh
Is chì sinn na beanntan a ghlèidheadh sneachd san t-samhradh
Is chì sinn na h-aibhnichean bòidheach.
Chì sinn na glinn anns an d’ rugadh sinn,
’M bu ghnàth leinn bhi aotrom, gòrach,
’S chì sinn na coilltean, le aighear is toil-inntinn,
’M bu ghnàth leinn bhi cluinntinn na smeòrach.
’S chi sinn na cluain air am biodh laoigh is uain
Ri mire gun ghruaim anns an Ògmhios,
’S chì sinn na h-aonaich air an ionaltradh na caoraich,
O ’n d’ fhuair sinn sàr aodaichean còmhdaich.
Chì sinn na raoin le blàth a’ bheallaidh chaoin,
Sa Chèitein ’bhios aobhach is bòidheach,
Is chì sinn na bruachan fo sgail a’ bharraich uaine,
Gu tric anns na bhuain sinn an t-sòbhrach.
Chìn sinn an lag, ’s an t-eas gu beucach, grad,
’S am bradan a’ leum suas na ’chòmhdhail,
Chì sinn am badan, ’s am bitheadh coilich bheadrach,
Ri co-chath sa mhadainn chiùin, cheòthair.
Chì sinn gach sliabh, air am bitheadh greigheann fhiadh
Ri mire air riasgan, ’s air lòintean,
Is chì sinn an lagan eadar àrd nan cragan,
’S an caidleadh an earbag air chòintich.
’S chì sinn gach loch o’n tric an dugadh steach
Bric mheanbh-bhallach, airgeadach, bhòidheach,
’S mu ’m bitheadh an cù-donn, a shiùbhladh fo an tonn,
’S eal’ a’ snàmh os a chionn ann am mòr-chuis.
’S chì sinn gun ghruaim a’ bhanarach le ’fuaim
Sa bhuaile, gu duanagach, òranach,
A’ bleoghan a’ chruidh-ghuaillinn, is iad a’ sgur de nuallain,
Le taitneas toirt cluais agus deòin di.
’S iomadh ’s iomadh nì a chì sinn anns an tìr,
Nach saoilteadh tighinn ann nuair bu chlann sinn;
Seach àite na coit tha ragha, ragha Droit
San àite na croit Baile-Bhanna.
’S rathad rìoghail, rèidh troimh chragan fhraoch is gheug,
Is carbadan màil air an òrdugh,
Gach là sìos le srann is gach là suas le deann,
Tre’n t-Sligeach is bhonn Phreas-an-òrdain.
Tha deagh fhearainn ùr air a rinneadh le mòr shaoth’r
O chruaidh bhlàran fhraoich agus mòintich
Is iomadh leathad cruaidh a bha ’riamh gu seo gun bhuaidh
Le òg-ghiuthas uain’ air a chòmhdach’.
Deòlaidh sinn as ùr gaoth is èadhar cùbhr’,
Bheir slàint’ agus sùrd dhuinn is sòlas,
Ar càirdean bheir iad duinn aran, càis’ agus ìm,
’S deoch làidir da ’n dram agus ceòl leis.
’S ged tha sinn an cèin a-nochd o ar tìr
’S o ar caomh chàirdean gaoil agus eòlaich’
Òlaidh sinn le rùin, deagh shlàinte do gach aon
Is buaidh do dhà thaobh Caolas Dhòrnaich.
Mar a thagh mi an t-òran
B’ e mo rùn òrain a bhuineas don “Mhachair Rois” (Ros an Ear) agus “Machair Chat” (Cataibh an Ear) a rannsachadh agus a riochdachadh, gu h-àraidh òrain gaol-dùthcha mar seo. Lorg mi an t- òran seo anns an leabhar “Place Names of Ross and Cromarty” ann an sgìre “Edderton” [“Baile Eadar Dhà Dhùn”] mu “Struie” [“An t-Srùidh”]. Bha duanag de dh’òran ceangailte ris agus às dèidh rannsachadh dh’ionnsaich mi gum b’ e òran slàn a bh’ ann agus gun deach a sgrìobhadh le Iain Rothach, bàrd ionadail à Suardail, faisg air Baile a’ Bhàn-àtha. Chan eil òrain na Machrach Chat cho pàilt an coimeas ri sgìrean no ceàrnaidhean eile, agus tha òrain gaol-dùthcha mun sgìre nas gainne, ach b’ e iongantas agus sonas a bh’ ann dhomh fear a lorg. Tha buinteanas làidir agam ri feadhainn de na sgìrean anns an òran seo agus b’ e mo rùn an taisbeanadh agus an sealltainn dhuibh uile leis an òran seo.
An t-ùghdar
B’ ann à Suardail, sgìre Chrìche, a bha Iain Rothach, baile beag an ear-thuath air a’ Bhàn-àth. Rugadh e anns a’ bhliadhna 1791. Anns a’ bhliadhna 1808 dh’fhalbh e gu Glaschu gu bhith na chlèireach. Air dha bliadhnaichean a chur seachad anns a’ bhaile mhòr, thilleadh a smuaintean gu tìr ’àraich agus a dhùthchais. Anns a’ bhliadhna 1825 thill e airson a mhàthair fhaicinn. Chaochail e ann an Glaschu anns a’ bhliadhna 1837.
An t-òran
Thug Iain Rothach iomradh air a ghaol-dùthcha agus a rùn ri pilleadh dhachaidh gu tìr ’àraich. A bharrachd air sin, air a chuairt gu tuath, cluinnear iomradh air na seallaidhean agus àitean fìnealta a tha ri fhaicinn. Tha feadhainn mar bu chuimhne dha agus tha feadhainn eile air atharrachadh. Tha leasachadh agus caochladh air tighinn air an tìr a b’aithne dha. Chuir e crìoch air an òran le deòch-shlàinte do na Gàidheil agus do a charaidean agus “Buaidh do dà thaobh Caolas Dhòrnaich.”
Fiosrachadh eile
Tha iomadh baile air an ainmeachadh anns an òran: Dòrnach, Caolas Dhòrnaich, An t-Sruthaidh [creag a tha crasgach an rathaid B9176], Baile a’ Bhàn-àtha, uile rin lorg anns a’ Mhachair Rois [Ros an Ear] agus Machair Chait [Cataibh an Ear]. Tha baile a’ bhàird, Craoich, air taobh sear Baile a’ Bhàn-àtha anns a’ Mhachair Chait, seachad air Suardail, far an d’ rugadh am bàrd agus far an deach a thogail agus àrach. Tha Crois Naoimh Dheamhain (“Demhan”) ri lorg ri taobh na h-eaglaise ann an Craoich Beag.
