Òran do Ghlaschu

Earra-Ghàidheal is Bòd

29 An t-Ògmhios 2021

Òran le Donnchadh Mac a’ Phearsain (1832-1931) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Sophie NicDhòmhnaill

Faclan

’S mi seo an Glaschu nam Bùithean far eil fasain is ioghnaidh gu leòr;
Leis na chunnaic mo shùilean, tha mo chridhe air dùsgadh gu ceòl;
Sluagh mar sheangain gun àireamh, ruith gach rathad sna sràidean nan deann,
A-measg toit is droch fhàileadh, ’s pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann.

Ged tha Glaschu cliùiteach anns na fasain as ùire fon ghrèin,
’S ioma trioblaid is neò-gloin tha luchd-misg toirt dhan deòin orra fhèin;
Chan eil bainne ri fhaotainn, an deoch as fheàrr air an t-saoghal gu lèir,
Ach beirm laidir a’ chaochain a’ cur mhnathan is dhaoin’ às an cèill.

Dol tro Mhargadh an t-Salainn, far an lìonmhor luchd-malairt an èisg,
’S iomadh bodachan peallach bhios a’ seinn air gach ealaidh fon ghrèin;
Cailleach mhòr, bhuidhe, ghrìsfhionn, fighe stocaidh is pìob ann a beul,
Ag èigheach ‘Sgadan Loch Fìne’, ’s i air tùchadh le innse nam breug.

Ged as àillidh an sealladh, mnathan uaisle a’ bhaile gu lèir,
Ag imeachd feasgar na Sàbaid air Sràid Earra-Ghàidheal nan seud;
Sìoda còmhdach gun sàiltean, ’s iad a’ sguabadh na sràid as an dèidh
Le gnùis-bhrat ’s cochall làmh orr’, ’s gun na fiaclan slàn ann an deud.

Chi mi cail’ a’ chinn ghuanaich le falt-ceannaich a fhuair i an-dè,
’S a’ bhonaid thall cùl a cluasan, mar tha adharcan-luachrach an t-slèibh;
Ged as stiùireanach, caol-chasach, astarach, aotrom a ceum,
Cha bhiodh a pògan ach searbh leam, ’s fiaclan tilgt’ dhaoine marbh ann a beul.
’S bochd an sealladh tha againn air oidhche Disathairne fhèin,
Fir is mnathan a’ caonnag ’s an clann leth-rùisgte caoineadh nan dèidh;
Fuil gan dalladh sna sùilean, ’s iad le ana-cainnt toirt dùbhlan da chèil’,
’S nan dèanadh Gàidheil an tùrn ud, bhiodh iad ainmeil nan dùthaich na dhèidh.

Mar a thagh mi an t-òran

A’ leanntain air adhart leis an ùidh a th’agam ann an Glaschu, chuir e iongnadh orm gu bheil tuilleadh òrain co-cheangailte ri Glaschu ann. Cuideachd, tha ùidh agam ann an eachdraidh a’ bhaile agus tha ìomhaighean glè chumhachdach san òran. Tha e a’ sealltainn mar a bha an suidheachadh aig an àm seo agus ged a tha e na òran eachdraidheil, tha na cuspairean a tha air am mìneachadh fhathast freagarrach an-diugh.

An t-ùghdar

B’ ann às a’ Mhoirbhairne a bha Donnchadh Mac a’ Phearsain, agus b’ e Sarah agus Iain Mac a’ Phearsain na pàrantan aige agus b’ ann à Ard na Murchan a bha iad bho thùs. Ghluais e a Glaschu ro 1871 ach chionns nach do chòrd e ris, an dèidh ùine ghoirid a’ fuireach sa bhaile, ghluais e gu Sealan Nuadh, an t-Eilean a Deas, faisg air 1880. Shuidhich e e-fhèin ann an Otago far an robh stèisean chaorach agus chruidh aige. Chaochail e na bhodach aosta ann an tubaist trèana. Sgrìobh e an t-òran seo air sgàth ’s gun tug Glaschu buaidh mhòr air.

An t-òran

Tha an t-òran seo na dhealbh-chunntas cumhachdach air an èiginn anns an robh cuid de dhaoine ri linn a bhith a’ fuireach ann an Glaschu. Ged a tha an t-òran stèidhichte bho chionn iomadh bliadhna tha e a’ dèiligeadh ri cuspairean a tha a cheart cho buintinneach an-diugh, mar tòic, droch-dhìol teaghlachail, tar-shluaigheachd, droch shlàinte a’ phobaill, msaa.

Fiosrachadh eile

Aig toiseach an naoidheamh lìnn deug thòisich an Tionndadh Gnìomhachais ann an Glaschu agus bha Glaschu na àite air leth saidhbhir a thaobh maoin an t-saoghail. Bha obraichean co-cheangailte ri cotan, ceimigean, aodaichean, glainne agus pàipear ann, agus nas fhaide air adhart bha iad a’ togail bhàtaichean cuideachd. Eadar 1870 agus 1914 b’ e Glaschu aon de na bailtean as rìomhaiche agus as beairtiche san Roinn-Eòrpa. Ach, ged a bha e cho beairteach, bha tòrr bochdainn agus droch-shlàinte ri fhaicinn ann agus tha an t-òran seo a’ toirt seo gu solas.

Buidheachas

Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Jo NicDhòmhnaill agus Màiri Anna NicUalraig a chuidich mi lem rannsachadh.

← Air ais gu liosta nan òran