Òran don Mhorbhairne

Earra-Ghàidheal is Bòd

20 Am Màrt 2020

Le Donnchadh Mac a’ Phearsain
Seachdain 12 – 20.03.20

Air a ghabhail le Calum MacColla

Faclan

A Mhorbhairne bhòidheach chliùiteach
Far am biodh an òigridh shunndach:
Ceòl is dannsa ’s òrain shùgraidh
Mun Bliadhn’ Ùir, aig fèill ’s aig banais.

Ged tha ’n dùthaich gun àiteach
’S mo chomhaoisean gaoil air fàgail
Nan ruiginn fhathast Loch Àlainn
Gheibhinn fàilte bhlàth is beannachd.

’S iomadh aon a shìn thu ’n saoghal
A dh’fhàg Glaschu is gaoid annt’:
Anail chùbhraidh bhlàth a’ chaoil
Is fàileadh caoin de fhraoch nam beannaibh.

Uisge fallain glan Bheinn Iadain
A’ ruith gu loch nam bradan lìonmhor,
Bhith sa Gheàrr-abhainn gan iasgach
Suas mu chrìochan Acha-rainich.

Fionnairidh nan uaislean ainmeil
Bu tric a’ Bhànrigh nan seanchas
Cha robh teaghlach eile an Albainn
Dhèanadh searmoin ruibh an crannaig.

Bha do chaisteil rìoghail làidir
Àrd Tòirinis is Ceann Loch Àlainn
Cill-Fhionndain, Dùn Fhinn ’s Dùn Bàn
Is stuaidhean uaibhreach àrd Dhùn Ghallain.

Nach bòidheach dà thaobh Loch Suaineart?
Sròn an t-Sìthein ghrianach uaine
Laudail, an Gleann, ’s Rathuaidhe
Far an robh ’n Dotair Ruadh na leanabh.

A’ dol don eaglais Di-dòmhnaich
Bu neochiontach beusach còmhla
Seann daoine is mnathan còire
Gillean òga ’s òighean ceanalt’.

Nam biodh ceartas aig luchd cosnaidh
’S gun na h-uachdarain bhith cho moiteil
’S mi nach fhàgadh tìr an t-Soisgeil
Airson fortan rìoghachd aineol.

Bhàrr an t-Sìthein chì sibh còmhla
Gach gleann, loch is eilean bòidheach
Beinn Shianta bhuidhe bho neòinein
Tìr a’ bhainne, ’n fheòir, ’s a’ bharraich.

Tha Clann Aonghais air am fuadach
’S gann tha duine san Leth-uachdraich,
Ach cladh is ballachan fuara:
Suaicheantas na tìm chaidh seachad.

An oidhche roimhe bha mi bruadar
Bhith mar b’ àbhaist an Rathuaidhe
Nuair a dhùisg mi – fàth mo chruadail
E cho fhada bhuainn ’s a’ ghealach.

’S iomadh feasgar cridheil bha mi
Taobh Loch Teachdais ’s mi nam phàiste
Ruith ’s a’ leum gu h-eutrom càirdeil
O! b’ iad siud na làithean maiseach.

Soraidh bhuam thar chuan gu m’ chàirdean
Mo luchd-dùthch’ ’s gach comann Gàidhlig
’N latha chì ’s nach fhaic ’s gu bràth,
Gu math slàn, ’s na mìltean beannachd.

An t-àite

Tha an sgìre ris an canar a’ Mhorbhairne air a cuairteachadh le Loch Suaineart gu tuath, An Linne Dhubh san ear-dheas agus Caol Muile san iar-dheas. Tha ceangal ri tìr-mòr tro Gleann na Tairbeirt. ’S e Loch Àlainn am prìomh bhaile san sgìre agus gheibhear aiseag às a-null gu Muile.

An t-òran

Chaidh an t-òran fhoillseachadh ann am Pàipear an Òbain air 21 An Giblean, 1884. Tha am bard a’ moladh bòidhchead na Morbhairne agus a’ cuimhneachadh air cho sona ’s a bha e na òige ann.

Tha mòran àiteachan san sgìre air an ainmeachadh san òran, nam measg “Fionnairidh nan uaislean”. B’ e “na h-uaislean” An t-Urr. Tormod MacLeòid (1745-1824) agus a mhac An t-Urr. Iain MacLeòid (1801-1872) a bha nam ministearan sa Mhorbhairne fad còrr is ceud bliadhna. B’ e An t-Urr. Iain MacLeòid a rinn an t-òran Caol Muile.

Tha an “Dotair Ruadh” cuideachd air ainmeachadh agus b’ e seo am bàrd ainmeil Iain MacLachlainn no An Lighiche MacLachlainn a rugadh an 1804 air tuathanas Rathuaidh sa Mhorbhairne. Bha an Dotair Ruadh ainmeil na latha chionns gu robh e na dhotair sgileil, na dhuine anabarrach làidir agus na dhuine a bha coibhneil is còir ri daoine bochda. Bha e ag obair sa Mhorbhairne aig àm doirbh, le daoine a’ fulang gu mòr le bochdainn agus fuadaichean. Cha robh e fhèin math dheth oir tric bha na daoine ro bhochd airson a phàigheadh. Rinn e dàin chumhachdach mu na fuadaichean agus mun bhuaidh a bh’ aca air na daoine, a bharrachd air òrain a thathas fhathast a’ seinn, mar eisimpleir Don Chuthaig agus Seo nam shìneadh air an t-sliabh. Tha e air a ràdh gur ann an taigh nam bochd ann an Tobar Mhoire a bhàsaich e ann an 1874.

Tha “Clann Aonghais” air an ainmeachadh agus a rèir beul-aithris bha fearann aca ann an Ceann Loch Àlainn mus do ruaig Clann IllEathainn iad.

An t-ùghdair

Chaidh an t-òran a sgrìobhadh le Donnchadh Mac a’ Phearsain a rugadh ann an Rathuaidh tràth sna h-1830an. Bha a phàrantan à Àird na Murchan. Thàinig Donnchadh a Ghlaschu uaireigin ro 1871 ach cha do chòrd am baile idir ris, mar a rinn e soilleir ann an Òran do Ghlaschu. Rinn e cumha àlainn don Dotair Ruadh nuair a fhuair e naidheachd a’ bhàis agus òrain Ghàidhlig eile.

Mu 1880 chaidh e gu ruige Sealan Nuadh a dh’ obair còmhla ri trì uncailean a bha air Àird na Murchan fhàgail ann an 1864. Phòs e agus bha a dhachaidh ann am Mount Aspiring an Otago san Eilean a Deas far an robh e os cionn stèisean chaorach is chrodh.

Chaidh Donnchadh a mharbhadh ann an tubaist rèile an Sealan Nuadh san Fhaoilleach 1931.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Dhonnchadh agus cuid de na h-òrain a rinn e ann an òraid a thug Iain Thornber do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis san Fhaoilleach 1983. Faicibh Transactions of The Gaelic Society of Inverness Vol LIII 1982-84.

← Air ais gu liosta nan òran