Òran Eile air Latha Chùil Lodair (taghadh de cheathramhan)

A' Ghàidhealtachd

29 An t-Ògmhios 2021

Òran le Iain Ruadh Stiùbhart (1700 – 1749) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Fionnlagh MacIllFhinnein

Faclan

O gur mis th’ air mo chràdh,
Thuit mo chridhe gu làr,
Is tric snighe gu m’ shàil o m’ lèirsinn.

Dh’fhalbh gach toileachadh uam,
Sheac le mulad mo ghruaidh,
Is nach cluinn mi san uair sgeul èibhinn.

Mu Phrionns’ Teàrlach mo rùn,
Oighre dligheach a’ chrùin,
’S e gun fhios ciod an tùbh a thèid e.

Sàr-fhuil rìoghail nam buadh,
Tha ga dìobart san uair-s’,
’S a’ chlann dìolain a suas ag èirigh.

Iarla Chrombaidh le ’shlògh,
Agus Barasdal òg,
Is MacFhionghain le ’sheòid nach gèilleadh.

Clann Ghriogair nan Gleann,
Buidheann ghiobach nan lann,
Fir a thigeadh a-nall nan èight’ iad.

Is Clann Mhuirich nam buadh
Iadsan uile bha uainn,
’S e sin m’ iomadan truagh r’a leughadh.

A Chlann Dhòmhnaill mo ghràidh,
Leam is cruaidh mar a bha,
Nach do bhrùchd sibh le càch do’n teugmhail.

Mo chreach uile ’s mo bhròn
Na fir ghast’ tha fo leòn,
Deagh Chlann Chatain nan sròl ’s nan geur-lann.

Is Clann Fhionnlaigh Bhràigh-Mhàrr
Buidheann cheannsgalach, àrd,
Dhèanadh sgathadh am blàr nan creuchdan.

Is chì sinn fhathast do cheann
Dol gun athadh ri crann,
’S eòin an adhair gu teann ga reubadh.

Is bidh sinn uile fa dheòidh,
Araon sean agus òg,
Fo ’n Rìgh dhligheach dha’n còir duinn gèilleadh.

Mar a thagh mi an t-òran

Lorg mi an t-òran seo air BBC Làrach nam Bàrd nuair a bha mi a’ coimhead air stuth bhon 18mh linn. Bha pailteas fiosrachaidh ann mu dheidhinn a’ bhàird agus chòrd an t-òran rium gu mòr. ’S e òran car diofrachte a th’ ann oir tha e a’ togail air an sgrios a thachair aig Cùil Lodair. Tha a’ mhòrchuid de dh’òrain Seumasach a’ moladh nan Seumasach ach tha an t-òran seo a’ toirt dhuinn sealladh eadar-dhealaichte air dè thachair air an latha.

An t-ùghdar

Rugadh Iain Ruadh ann an Cinn a’ Chàrdainn (Srath Spè) ann an 1770 agus fhuair e deagh fhoghlam ann an sgoil ann an Inbhir Nis. Às dèidh na sgoile chaidh e a-steach gu na ‘Royal Scots Greys’ far an robh e na oifigear. Bha Iain Ruadh a’ cumail taic ri na beachdan aig na Seumasaich agus, ann an 1737, chaill e obair mar oifigear air sgàth sin. A-rèir beul-aithris, leig e prìosanaich Seumasach air falbh. Às dèidh sin chaidh e a-null dhan Fhraing, gus sabaid an aghaidh nam Breatannach, còmhla ri fògarraich Sheumasach eile, aig Blàr Fontenoy ann an 1745.

Nuair a chuala e gu robh am Prionnsa air Alba a ruighinn, thill e sa bhad agus thog e Rèisimeid Dhùn Èideann agus bha e an sàs san ar-a-mach fad na h-ùine. Bha deagh eòlas aig Iain air ciamar a bha blàr ag obair agus bha e gu math sgileil ann a bhith a’ planadh blàir. Chuidich e na Seumasaich le bhith a’ buannachadh tòrr dhiofar bhlàir san ùine aige. Tha cuid de dhaoine ag ràdh nan robh Iain Ruadh air Blàr Chùil Lodair a phlanadh, gum biodh buil gu math diofraichte air a bhith aig a’ bhlàr.

Chaidh e dhan Fhraing leis a’ Phrionnsa ann an 1746. Chaochail e ann an 1749. Chan eil fios againn air adhbhar a’ bhàis, neo càit’ an do bhàsaich e.

An t-òran

Tha am bàrd ag innse mu dheidhinn an sgrios a thachair aig Blàr Chùil Lodair. Tha e a’ togail air na cinnidhean nach robh ann air an latha agus tha e a’ toirt fiosrachaidh mionaideach mun bhlàr. Tha e ag ràdh gun robh Lord George Murray a’ gabhail brìbean. Tha e cuideachd a’ togail air na cinnidhean a chaill tòrr de na daoine aca.

Fiosrachadh eile

Às dèidh Blàr Chùil Lodair chaidh e am falach airson 5 mìosan ann an uamh faisg air Baile nan Granndach agus bhiodh daoine sa choimhearsneachd a’ toirt biadh dha. Aon latha bha am balach seo a’ coiseachd sa choille, airson biadh is uisge a thoirt gu Iain Ruadh. Choinnich e ri saighdearan Sasannach agus dh’ fhaighnich iad càite an robh e a’ dol. Cha robh e airson innse dhaibh an t-adhbhar agus thuirt e gun robh e dìreach air cuairt anns a’ choille. Mhothaich e gun robh druma aig aon de na saighdearan agus dh’ fhaighnich e airson cothrom a chluich. Thoisich e a’ bualadh an druma ri ruitheam sònraichte. San uamh aige bha Iain Ruadh ag aithneachadh an ruitheam seo agus thug seo cothrom dha teicheadh gun a bhith air a ghlacadh.

Buidheachas

Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Ruairidh MacIlleathain a chuidich mi lem rannsachadh.

← Air ais gu liosta nan òran