Òran na Lìn Mhòra
(O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa)
Na h-Eileanan Siar
13 An t-Samhain 2020
Le Fionnlagh Moireasdan
Seachdain 42 – 13.11.2020
Air a ghabhail le Eoghainn MacLeòid
Faclan
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa
Deas air Rubh’ Bhalamais ’s marc air an t-Srianaich
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
A’ proidhteadh le cabhaig fo sholas na gealaich
Air port air a’ Charaidh a thanaich mo chiabhag.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Na cut tacks a bh’ agam a’ dol air an tarsainn
’S an tiùrra sa mhadainn gu faighear nan ceudan.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Nam biodh fhios aig do mhàthair mar chaidh thu gu sàl
Le paidseachan hardboard cha chaidleadh i chiad treis.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
A-mach on an t-Solas gur tu a bha sona
Gan cur dhan a’ gheodhaidh, bha fodhail ort ’s eun innt’.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Thuirt thu ri Dù-ag sa mhadainn cho tùrsach
“Nach fheuch thu bhith tùrail ’s a chùis air mo liathadh!”
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
’S ann fhreagair a’ hard thu, “Chan eagal gu bràth dhaibh
Ma gheibh sinne ’n sàs orr’ an càrnaichean Ghrianaim!”
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Nuair ràinig thu màireach far ’n robh thu ri pràpladh
Chan fhaiceadh tu càil ann ach àrca ’s gun lìon oirr’.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Na lìn bh’ air an stòradh aig d’ athair cho dòigheil
An-diugh ’s ann tha tòrr dhiubh mun Ghob Mhòr ’s iad nan iallan.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Fhionnlaigh, a bhalaich, mur sguir thu dhan sgadan
Gu faic mi thu ’s t-Earrach gu d’ amhaich am fiachan.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Cùm air a’ ghiomach le biadhadh an rionnaich
Tha margadh an Lunnainn nach urrainn thu lìonadh.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Fhionnlaigh, a bhròinein, gur tric thug mi còmhairl’ ort
Thu dhèanamh air seòladh ’s do bheòshlaint cho riaslach.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Am bodach chaidh còmh riut ’son fàinn’ thoirt dhan ògbhean
Cha toirinn-sa gròt air gum pòsadh e ’m bliadhn’ i.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
An ciùrair a chobhair ort, nach duilich an stòraidh
Gun tug esan tòrr dheth ’son lòn dhan an eunlaith.
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Deas air Rubh Bhalamais ’s marc air an t-Srianaich
O ’s fhada ’s gur fhada mo lìon-sa.
Facail à Bardachd Scalpaigh deas. Mòrag NicLeòid, foillsichte le Adhartas na Hearadh Earranta 2014
Na h-àiteachan
’S ann à Eilean Sgalpaigh, air taobh an ear na Hearadh, a tha an t-òran seo. Tha beagan a bharrachd air trì cheud neach a’ fuireach ann an Sgalpaigh agus ann an 1997 chaidh drochaid fhosgladh tarsainn Caolas Sgalpaigh, a’ ceangal Sgalpaigh ris na Hearadh.
B’e Taigh-solais Sgalpaigh a’ chiad taigh-solais a chaidh a thogail anns na h-Eileanan Siar. Chaidh a sholas air airson a’ chiad uair anns an Dàmhair, 1789.
Bha chionn fhada cha robh a’ fuireach air Sgalpaigh ach fir-tac agus an cuid theaghlaichean.Thàinig croitearan dhan eilean an toiseach ann an 1842 agus an tuilleadh dhiubh ann an 1846. Chan eil fearann math air Sgalpaigh agus bha an sluagh gu ìre mhòr an eisimeil an iasgaich airson am beòshlàint’. Tha dà chaladh fasgach ann an Sgalpaigh agus choisinn fir Sgalpaigh clìu dhaibh pèin mar iasgairean cho math ’s a bha ann an Alba. Bha iasgach a’ sgadain aig àirde anns na 60an agus thàinig beartas mòr dhan eilean ri linn.
A’sgrìobhadh anns an iris Gairm (Àireamh 88) sgrìobh Dòmhnall R Moireasdan cunntas air iasgach ghiomach mu chladaichean Sgalpaigh agus mar a bhiodh na h-iasgairean “a’dol dha na h-Eileanan Mòra a dh’iasgach ghiomach ’s a’fuireach an àirighean no bothagan an sin . . . Bhiodh iad cuideachd a’ dol a Bhrothluim (Leòdhas) gu iasgach nan giomach is gu àirigh à Sgalpaigh – agus a Bhalamas (Leòdhas) is deas à Sgalpaigh gu Haramadaigh (Caol na Hearadh) ’s gu Loch na Madadh an Uibhist ’s dhan Eilean Sgitheanach.”
’S e h-àiteachan a bha cudromach dha na h-iasgairean airson iasgach no mar chomharran mara a th’ air an ainmeachadh san òran.
An t-ùghdair
Rugadh Fionnlagh Moireasdan, Fionnlagh Iain Fhionnlaigh à Monais, ann an 1914. Mar a bha cumanta ann an Sgalpaigh ’s ann aig an iasgach a fhuair e a chiad chosnadh. Bha e anns A’ Chabhlaich Rìoghail aig àm an dàrna cogadh, agus thug e greis a’ sealg mhucan-mara ann an South Georgia. Bha e pòsta aig Ciorstag Iain Tharmoid agus bha an dachaidh air a’ Charaidh. Chaochail Fionnlagh ann an 2011.
Bha am facal “hard” a tha e a’ cleachdadh san òran air a chleachdadh ann an Sgalpaigh airson duine a bha dàna, no fiùs ro dhàna.
An t-òran
Anns an òran tha Fionnlagh Moireasdan a’tarraing à mac bràthair a mhàthar, air an robh Fionnlagh cuideachd. Bha Fionnlagh air toll a thoirt sa bhàta aige agus, le cuideachadh bhon bhàrd, bha e a’feuchainn ri chàradh le hardboard gun fhios do dhuine. An ath mhadainn, ge-tà, bha na cut-tacks a bha iad a’cleachdadh rim faicinn san fheamainn is ged a bha àrcaichean rim faicinn sa chuan cha robh sgeul air na lìn. Tha am bàrd a’cur às leth a cho-ogha gu robh na lìn a bha athair air a ghleidheadh cho cùramach a-nise nan iallan aig a’ Ghob Mhòr. Tha Fionnlagh a’toirt comhairle air a’cho-ogha cùl a chur ri iasgach a’sgadain agus tòiseachadh air iasgach ghiomach no falbh dhan Chabhlaich Rìoghail mus fhaigh e e fhèin ann am fiachan. Tha e cuideachd dhen bheachd nach tèid aig a’cho-ogha air fàinne a cheannachd dha leannan cho luath’s a bha e an dùil.
