Port na h-eal’ air an tràigh
Earra-Ghàidheal is Bòd
10 An t-Samhain 2020
Gun Urra
Seachdain 41 – 10.11.2020
Air a ghabhail le Karen Elder
Faclan
Mo chasan dubh
Mo chasan dubh
Mo chasan dubh
’S mi fhìn glègheal.
Gibhi gì, gibhi gò,
Gibhi gì, gibhi gò,
Gibhi gì, gibhi gò,
Gibhi gò, gibhi gè.
Chreachadh mo nead
Chreachadh mo nead
Chreachadh mo nead
’S mi fhìn an Èirinn.
Gibhi gì gibhi gò
Gibhi gì gibhi gò
Gibhi gì gibhi gò
Gibhi gò gibhi gè
Mo chasan dubh
Mo chasan dubh
Mo chasan dubh
’S mi fhìn glègheal.
(Na facail bho Tocher 13).
An eala
Tha fianais aig arc-eòlaichean gu robhas ag ithe ealachan anns na h-Eileanan an Iar agus an iomadh àite eile cho fada air ais co-dhiù ri Linn an Umha. Tha fianais ann an òrain gur e cleachdadh a bha sin a mhair deagh ùine. Anns an òran luaidh a tha a’ tòiseachadh Dhìrich mi mach a’ bheinn ghruamach gheibh sinn dealbh air uaislean a’ sealg:
Chunnacas ri tighinn na h-uaislean
Le fleasgaichean air an cruachan
Len gunnaichean air an guaillean.
Eala cha tig slàn o ’r luaidhe
Na chearc-fhraoich o thaobh nan cruachan
Earba bheag a’ chorr-chinn ghuanaich.
Am measg na bha Dònnchadh Bàn Mac an t-Saoir a’ gealltainn dha Màiri Bhàn Òg ann an Òran Da Chèile Nuadh Phòsta bha:
Mharbhainn dhut geòidh is ròin is eala
’S na h-eòin air bharraibh nan geug;
Ann am Moladh na Lanndaidh tha Donnchadh Caimbeil à Ìle ag innse dhuinn:
’S tric a leag mi air a thaobh
An ròn ballach anns a’ Chaol
Eala bhàn a’ mhuineil chaoil,
Is coileach fraoich nam beanntan.
Ann an iomadh òran tha an eala air a cleachdadh mar shamhla air bòidhchead. Mar eisimpleir, anns an òran Cuir a chinn dìlis gheibh sinn:
Do shlios mar an eala, ’s do mheall-shùilean mìogach,
Thàlaidh thu m’ inntinn, ’s cha till i gu bràth.
Ann an Cumha do dh’ Uilleam Siosal tha Cairistiona NicFhearghais ag ràdh mu a cèile a chaidh a mharbhadh aig Blàr Chùil Lodair:
Bu tu ’m fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
Bha do shlios mar an eala ’s blas na meal’ air do phògan.
Agus seo mar a bha Eòghann MacColla a’ faicinn na tè air an tug e Mo rùn-sa Màili bhòidheach:
Mar eala measg nam faoileagan,
No ’n ròs ri taobh nan sòbhrag.
Tha mòran beul-aithris co-cheangailte ri ealachan. Bha cuid a’ creidsinn gur e boireannaich mhatha a bha fo gheasaibh a bh’annta agus cuid eile a’ creidsinn nam biodh ealachan faisg air àite sònraichte, gur e spioradan nan daoine a chleachd a bhith a’ fuireach san àite a bh’ annta.
Ann am Beinn na Faoghla bha cuid a’ creidsinn gur e deagh chomharra a bh’ ann nan cluinnte ealachan mus tigeadh an latha air madainn Dihaoine ach aig tuiteam na h-oidhche Dihaoine bha guth na h-eala na dhroch shamhla. Ann an cuid de sgìrean ann an Leòdhas bhathas den bheachd gun tigeadh droch shìde na nochdadh eala air loch, gu h-àraid air loch far nach b’ àbhaist a faicinn.
Bhathas a’ cumail a-mach gu robh nàire air an eala ri linn ’s gu bheil casan dubh oirre agus gum bi i a’ feuchainn rim falach. Tha abairt ann – “Sheall an eala air a casan agus thuirt i, geal cha bhi!”
Tha e air a ràdh cuideachd gum biodh iasgairean diùmbach de dhuine sam bith air bàta aig am biodh bucas de mhaidsichean Swan Vestas. Bha dealbh na h-eala air a’ bhogsa air fhaicinn mar dhroch chomharra.
Chante gur e “clann rìgh fo gheasaibh” a bh’anns na h-ealachan agus gu faicte iad a’ cur dhiubh an cochall ann an àiteachan aonranach agus a’ dol nam bana-phrionnsaichean àlainn. Ach cha ghabhadh an seun a bha orra a thogail ach leis an duine a chur e orra sa chiad àite.
Tha sgeulachd ainmeil mu Chlann Lir ag innse mar a bha triùir mhac agus aon nighean, Fionnghal, aig fear air an robh Lir. Bhàsaich a bhean agus an ceann greis phòs e a-rithist. Bha a’ bhean ùr ag eudach ’s i a’ smaoineachadh gu robh e na bu ghaolaiche air a chlann na bha e oirrese. Aon latha dh’iarr i air Fionnghal ’s a bràithrean a dhol a shnàmh ann an loch. Le draoidheachd rinn i ceithir ealachan dhiubh.
“Bidh sibh trì cheud bliadhna air an loch seo,” thuirt i, “trì cheud bliadhna eile air Sruth na Maoile, agus trì cheud bliadhna eile anns an Fhairge Mhòir, an Iarras, air taobh siar na h-Èireann.”
An oidhche sin chuala Lir ceòl binn, brònach a’ tighinn bhon loch agus chunnaic e na ceithir ealachan. Dh’innis Fionnghal dha gum b’ e a chlann fhèin fo gheasaibh a bh’annta. Chuir Lìr seachad an oidhche sin aig an loch agus a h-uile latha an dèidh sin fhad’s a bha e beò, rachadh e a bhruidhinn ris na h-ealachan agus a dh’èisteachd an ceòl.
Air an latha mu dheireadh de na trì cheud bliadhna, sgèith na h-ealachan air falbh agus chaidh iad gu Sruth na Maoile. Aonranach agus tùrsach, thug iad trì cheud bliadhna eile an sin. tric a’ fulang ànradh fairge. Chaidh iad an uairsin gu Iarras, a bha na bu mhiosa buileach. Ach aig deireadh an trì cheud bliadhna an sin thàinig naomh. An dèidh dha sgeulachd nan ealachan a chluinntinn, bheannaich e iad agus thionndaidh iad air ais nan daoine, ach nan seann daoine crùbach, liath. Bhaist an naomh iad, bhàsaich iad agus chaidh an anaman gu nèamh.
Dh’innis Niall Brownlie à Tiriodh san iris Gairm, àireamh 177, nach eil e rathail eala a mharbhadh agus a rèir beul-aithris nach tig dìreadh gu bràth air neach a nì a leithid. Cha bu toigh le muinntir Thiriodh eala na h-aonar fhaicinn dlùth air an taigh – “Theirte “nighean an dà luan deug” rithe, is bha e air a ràdh gum biodh dath dorcha oirre nuair a bhiodh rà-dorcha air a’ ghealaich. O chian nan cian – mas fhìor an sgeul – bha dà nighean ann a bha cho àlainn, eireachdail is nach b’ urrainn a ràdh cò an tè a b’ àille dhiubh is an tè eile an làthair. Dhùisg seo a leithid de fhuath is dh’eud eatorra is b’e deireadh na cùise gun do chuir an dara tè an tè eile fo gheasaibh, “ i҅ shiubhal bho àird gu àird an riochd eòin, sgèimheach air muir, clibeach air tìr , binn-ghuthach fo ghealaich, balbh tosdach fo ghrèin”, is tha an eala mar sin gus an là an-diugh is bithidh gu là luain.”
