Rathad Ùr Loch Portain
Na h-Eileanan Siar
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: Eileag NicIllInnein
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Ellen NicDhòmhnaill
Òran a chaidh a dhèanamh le mo sheanmhair Eileag NicIllInnein circa 1964 nuair a bha iad a’ togail rathad mòr a bha ceangal sgìre Loch Portain chun a’ chòrr de dh’Uibhist a Tuath agus bha tòrr luchd-obrach anns an sgìre.
Faclan
Rathad ùr Loch Portain nach e chuir oirnn a’ chosgais;
Cha diù le tè falbh leis a’ bhòtainn,
Ach nylons agus shoes, liosachan gun ghlùinean
Is còmhdach dhan fhùdar mun t-sròin ac’.
Chlann-nighean a th’ anns an àite ’s e bhios orr’ ach tàmailt,
Ma dh’fheumas iad falbh agus còta orra;
Deasaich agus Tuathaich ’g obair anns a’ chuaraidh
Còmhla ri Dòmhnall Ruairidh on bhòn-dè.
Air feasgar Dihaoine, bha ’d dol dhan bhùthaidh,
Chan eil fhios a’m co-dhiù cò bu leòmaich’;
“Aig quarter to two bidh thu anns a’ chùil seo,
Cha charaich mi co-dhiù ’s gun thu còmhl’ rium.”
’N uair thàinig Katie Mary gun tug i bhuam mo lèirsinn,
’S ann mhiannaich mi fhèin a bhith òg;
Cha b’ e an còta dearg leis do chleachd i a bhith a’ falbh oirr’
Ach an còta searmoin a chuir Òrr thuic’.
Raonaid ’s i cho gòrach on chuir i oirre an t-òirleach,
Chan ith i mar as còir dhi gus falbh ’ad;
’S ann tha i dol air daithead mar a bha Moria
“Macvita will do fine in the morning”
Mairead Dhòmhnaill Ruairidh ’s ann agam fhèin bha ’n truas rithe,
An latha chaidh i suas ann na h-ònrachd,
Gun tàinig tè no dhà de làraidhean Mactavish
Mun do shreap i ’n àird, gun robh ceò aist’.
Na sgiortaichean tha ’n-dràsta, nam fasan anns gach àite,
Cha dèan iad dhut càil dol a làraidh;
Ma falaich iad do ghlùinean, feumaidh tu an slaodadh,
Gur e briogais ghlùine bu dòigheil’.
Sguiridh mi dham dhìomhain ’s bheir mi leam Catrìona
’S Màiri Anna chiall, ’s iad cho gòrach;
’N uair thèid iad a Loch Portain, cha toir iad leotha poca
Eagal ’s nach gabh Lachlainn dhiubh nòisean.
Anna Bheag is Rachel, cha dèan math dhomh fàgail,
Neo cha bhi mi sàbhailte sa chrò seo;
Mus teirig a’ bhliadhna, bidh sinn uile triall ann
’S gu dearbh, O a chiall…we won’t walk it.
Rathad ùr Loch Portain, nach e chuir oirnn a’ chosgais;
Cha diù le tè falbh leis a’ bhòtainn,
Ach nylons agus shoes, liosachan gun ghlùinean,
’S còmhdach dhan fhùdar mun t-sròin ac’.
