Roinn le Cailleach Smò
A' Ghàidhealtachd
28 An t-Ògmhios 2021
Òran le Dòmhnall MacAoidh (an t-ochdamh agus an naoidheamh linn deug) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Calum Rosach
Faclan
Bha mise ann an Smò o linnibh nam Fiann
Nan laoch sin nach teicheadh gun fhuil thoirt à bian;
Cha chuimhne leam batail a chunna mi riamh,
Gun duine ann nach seasamh ri clobha no liagh.
’N tràth thàinig na Cataich, bu sgalpail an ceum,
Is dùil ac’ ri creach thoirt an Crasg uainn do leum,
Gun duine nam feachd, chumadh buille no beum,
Ri mnathan Cheannabin, buaidh thapaidh leò’ fèin.
’N tràth chunnaic na gaisgich na h-armagan rùisgte
An clobha, ’s an corran, an cabar, ’s an t-sùist;
Chlisg iad le feagal, is thubhairt cuid dhiù,
’S miosa seo do na Cataich na cath Dhruim na Cùb.
Feadh bha iad ’s an Dùrin, bha cùisean orr’ teann,
Ged thàrr iad da ’n Inn, cha b’ fhada dh’fhan iad ann;
Gun ùrachadh bidh no dibhe, no drama,
Chuir pìob Dhomh’ll-ic-Cullaich iad uile do dhanns’.
Aig Tobar-a-Chrib ann am priobadh na sùil,
Bha an ‘Countari-dance’ a bha annasach ùr’;
’S ged choisinn MacCullach le ’phiobaireachd cliù
’S olc chumadh na fleasgaich ud, ‘step’ ri ’chuid ciùil.
’S bhuail an ‘retreat’ aca le cabhaig is caor,
Ruith Siorra’ is Fiscal, Polisich is Maoir;
Bha cuid ac’ a’ canntainn “Bithidh an gnothach dhuinn daor
Mar thàrr sinn air falach air taobh eile a’ chaoil.”
Gun fhuil thoirt air neach aca, ghlan theich iad air falbh,
Cuid ris an aonach, is cuid feadh an arbh’;
Butchair Dhòrnaich gun fheòil thoirt do ’n arm
Gu madainn Di-Dòmhnaich ’s an eòrna leth-mharbh.
Mar a thagh mi an t-òran
Chan urrainnear cùl a chur ri buaidh nam Fuadaichean, no “na Ruagaidhean” ann an “Dùthaich Mhic Aoidh” (Cataibh an Iar-thuath), agus an sgrìos a rinneadh air tìr na dùthcha agus air beatha nan Gàidheal air feadh Alba. Mar a bhios fios agaibh, cha do ghabh na Gàidheil uile ri am fuadach agus rinn iomadh neach ann an Dùthaich MhicAoidh àr-a-mach an aghaidh an riaghaltais no nan uachdarain ùra a bha a’ feuchainn rin ruagadh o thìr an dualchais. ’S e “The Durness Riots” an t-ainm a thugadh air.
Lorg mi an t-òran seo fhad ’s a bha mi a’ leughadh “Unpublished Literary Remains of the Reay County,” ann an Tàr-ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis, XXIV, (1891). Thog an t-òran mo chridhe leis an sgeul agus a chumhachd agus bha agam ri ’ionnsachadh. ’S e an t-òran seo fear de na h-òrain mu iomadh àr-a-mach air feadh na Gàidhealtachd far an do sheas na Gàidheil airson an còirichean agus an dualchas fhèin agus bha mi airson am moladh agus ur n-aire a thoirt chun oidhirp agus an strì a bh’ aca. Faodamaid mòran ionnsachadh mun òran seo fiù ’s anns an latha an-diugh.
An t-ùghdar
Chaidh an t-òran a sgrìobhadh le fear Dòmhnall MacAoidh. Chan eil mòran sgrìobhte mun ùghdar seo no cò às a bha e ach is dàicheil e gum buineadh e do Dhùthaich Mhic Aoidh, gu robh e beò agus an làthair ann an linn nam fuadaichean, no gu robh e eòlach air na bha a’ tachairt anns a’ cheàrnaidh aig an àm. Bha an t-òran air a chlàradh nuair a bha MacAoidh còrr air ceithir fichead bliadhna de dh’aois. Bhiodh e glè eòlach air ruagaidhean agus fuadaichean nan Gàidheal aig an àm, le eòlas air na làithean ron a sin ma dh’fhaodte.
An t-òran
Anns an òran tha MacAoidh a’ toirt iomradh air strì àraidh anns “The Durness Riots,” far an do dh’fheuch am fear-taca ri muinntir na sgìre fhuadach airson caoraich a chur nan àite. Thàinig Siorram o Dhòrnach gus bàrnaigidhean a thoirt dhaibh ach loisgeadh na bàrnaigidhean le cailleachan na sgìre. Thill e leis an Fhiscal, buidheann phoilis agus maoir airson am fuadach ach bha aca ri fuireach ann an taigh-òsta Chràisg. Gun fhiosda dhaibh, theann muinntir na sgìre orra agus thug iad buaidh orra gus an do theich iad. Theich feadhainn tron oidhche anns na raointean arbhair gus an do ruig iad Cataibh.
Fiosrachadh eile
Tha “Dùirin” [Dubh-rinn] (Durine), “Ceannabin” [Ceann na beinne] (“Ceannabeinne”) agus “Inn Crasg”, taigh-òsta ann an teis-mheadhan Chataibh cha mhòr air an ainmeachadh, bailtean a sgaras Dùthaich MhicAoidh o Chataibh a Deas a rèir seanchais ionadail.
’S e James Anderson fear-taca Risponn. B’ esan bu choireach ri fichead ’s a sia teaghlaichean fhuadach eadar 1838 agus 1841. Chaidh caoraich a chur air an fhearann a bh’aca, agus chaidh an tuath fhuadach do Saingea Beag, Leirinn agus gu America a Tuath. Chaidh am fuadach a-rithist ann an 1841 - trì teaghlach deug air fhichead an turas-sa. ’S e “Fionnlagh” a-mhàin an t-ainm a th’ againn dhan t-Siorram o Dhòrnach, a thàinig an-àird gus tuath na sgìre fhuadach ann an 1841. Le feagal a bheatha agus e car ciùrrte, rinn e achanaich ris an tuath nach biodh e comasach no slàn gu leòr airson a dhol air ais go Cataibh an Ear san oidhche. Mar sin fhuair e an cothrom sin.
