’S e Nighean Mo Ghaoil An Nighean Donn Òg

Earra-Ghàidheal is Bòd

28 An t-Ògmhios 2021

Òran leis a’ Mhinisteir Dhall agus Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724-1812) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Evie Waddell

Faclan

’S e nighean mo ghaoil
an nighean donn òg;
Nam bithinn ri taobh,
cha bhithinn fo bhròn;
’S e nighean mo ghaoil
an nighean donn òg.

Ged a tha mi gun sùilean
gun dèanainn dreis chiùil dut
air lobhtaichean ùra,
’s air ùrlaran bhòrd.

’S e nighean mo ghaoil
an nighean donn òg.

Cha tèid thu an fhireach
air thòir a’ chruidh chinnfhionn
air eagal nan gillean,
bhith sireadh do phòg.

’S e nighean mo ghaoil-s’
an nighean donn òg.

Cha thaobh thu duin’ idir
air eagal mo thrioblaid;
’S cha thoilich gin mise
ach ise le deòin.

’S e nighean mo ghaoil-s’
an nighean donn òg.

Bidh sglèat is clach shnaighte,
cumail dìon ort is fasgadh
’s bidh sileadh na fras ort
aig mac an fhir mhòir.

’S e nighean mo ghaoil-s’,
an nighean donn òg;
Nam bithinn ri taobh,
cha bhithinn fo bhròn;
’S e nighean mo ghaoil-s’,
an nighean donn òg.

’S i Màiri NicNaughton
dhan d’ thug mi mo ghealladh
’s chan fhaicear i ’n ath bhliadhn’,
na banarach bhò.

'S e nighean mo ghaoil-s’,
an nighean donn òg

Cha shaoileadh duine uasal,
Na idir am buachaill’;
‘S chan fheàird am fear fuadan
Bhith cruaidh air do thòir.

’S e nighean mo ghaoil-s’,
an nighean donn òg.

Cuiridh mis’ thu Dhùn Èideann
A dh’ionnsachdainn Beurla,
’S bheir mise na ceudan
A rèit air do thòir.

’S e nighean mo ghaoil
an nighean donn òg;
Nam bithinn ri taobh,
cha bhithinn fo bhròn;
’S e nighean mo ghaoil
an nighean donn òg.

Mar a thagh mi an t-òran

Aig toiseach a’ phròiseict seo bha mi airson coimhead air òrain mu chòraichean dhaoine, agus gu h-àraid an dòigh a bha ciorram is toirmeasg air a riochdachadh ann an òrain. Tha an cuspair seo cudromach dhomh air sàillibh gu bheil mi bodhar ann an aon chluas is tha mi air cainnt-shanais a dhèanamh air òrain Ghàidhlig.

Lorg mi òrain mu chòraichean dhaoine le bhith a’ cur fios gu Gillebrìde MacIlleMhaoil a thug dhomh Duan an Fhògarraich a rinn e fhèin. Dh’ innis Jo Miller dhomh mu òran le Màiri Anna NicUalraig air a bheil Togaibh na Drochaidean. Dh’ innis Alasdair MacilleBhàin dhomh mun bhàird Ailean Dall (neo Ailean Dùghallach) agus fhuair mi fios mu òran air a bheil O hì o hà mo luaidh mo leanabh bho Iseabail T. NicDhòmhnaill.

Thagh mi an t-òran seo air sgath ’s gun robh e ùr dhomh is chòrd am fonn is an t-seinn aig a’ bhoireannach rium.

An t-ùghdar

’S e dà òran a tha seo a tha air air a dhol an lùib a chèile – Òran Sùgraidh le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus òran leis “a’ Mhinistear Dhall”. Bhiodh seo a’ tachairt bho àm gu àm nuair a bha daoine ag ionnsachadh òrain bho chàch a chèile gun cothrom aca air teacsaichean sgrìobhte.
Gu mi-fortanach, tha e doirbh rannsachadh a dhèanamh air a’ Mhinisteir air sàillibh nach eil ainm slàn againn.
Tha mòran fiosrachaidh againn mu Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Rugadh e ann an Druimliaghairt, an Gleann Urchaidh, Earra-Ghàidheal. Bha e gu math dèidheil air an àrainneachd is air a’ Ghàidhealteachd. Aig diofar amannan, dh’ obraich e mar fhorsair, mar shaighdear is mar fhreiceadan. Tha a’ mhòrchuid de na h-òrain a rinn e mu dheidhinn nàdar, gaol, cogadh is dibhearsain.
Bha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir math air cuimhneachadh a h-uile càil. Cha b’urrainn dha sgrìobhadh no leughadh oir cha d’ fhuair e oideachadh foirmeil idir. Tha seo air sàillibh ’s nach robh sgoil anns gach sgìre. Chleachd Donnchadh Bàn Gàidhlig bho thùs agus bha a h-uile pìos bàrdachd a rinn e anns a’ chànain aige fhèin. Chanainn gun robh e eòlach air a’ Bheurla, ach ’s i a’ Ghàidhlig bu dual dha.
B’ ann ann an Dùn Èideann a chaidh a' chiad chruinneachadh dhen bhàrdachd aige fhoillseachadh ann an 1768. ’S e Moladh Beinn Dòbhrain aon de na dàin às ainmeil a rinn e.

An t-òran

Tha an t-òran seo mu dheidhinn ministear a tha ann an gaol le boireannaich air a bheil Màiri NicNeachdain. A-rèir sgeul an òrain, bha iad dol a phòsadh, ach cha leigeadh a pàrantan leatha on a bha e dall.

Chuir e iongnadh orm a bhith a’ leughadh seo o chionn, nam bheachd-sa, b’ e duine uasal is foghlamaichte a bh’ anns a Mhinisteir.

Fiosrachadh eile

Tha an t-òran ag ainmeachadh Màiri NicNeachdain a bha na banarach. Tha fios againn gun do phòs Donnchadh Bàn boireannach eile air an robh Màiri, sin Màiri Nic an t-Saoir (Màiri Bhàn Òg), tè à Gleann Urchaidh.

Buidheachas

Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Karen Oakley, Abi Lightbody, Iseabail T NicDhòmhnaill, Alasdair MacIlleBhàin, Gillebrìde MacilleMhaoil, Jo Miller agus Jo NicDhòmhnaill, a chuidich mi le mo rannsachadh.

← Air ais gu liosta nan òran