‘S e Tiriodh an t-Eilean as Bòidhche fon Ghrèin
Earra-Ghàidheal is Bòd
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: Niall MacIllEathain, (Niall an Tàilleir)
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Anna & Seumas Dòmhnallach
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Niall MacIllEathain, Niall an Tàilleir, às a’ Chaolas a rinn mòran bàrdachd a chithear anns an leabhar, ‘Na Bàird Thirisdeach’. Bha e càirdeach do dh’Iain Mhic Ailein, Bàrd Thighearna Cholla. Tha carragh-cuimhne bhrèagha air uaigh ann an cladh beag Chirceabol air a cur suas leis a’ Chomann Thiristeach. Fhuair sinn an t-òran seo bho phiuthar ar n-athar, Floraidh NicPhàil, a lorg an t-òran am measg phàipearan an teaghlaich.
Faclan
‘S e Tiriodh an t-eilean as bòidhche fon ghrèin,
’S e Tiriodh an t-eilean san d’ thogadh mi fhèin,
’S e Tiriodh an t-eilean dhan tug mi mo spèis
’S mi fàgail leis beannachd sa mhadainn an-dè
Dol seachad An Caolas bha smaointean no dhà
Air m’ inntinn nach fhaodainn bhith glaodhach ri càch,
Am bàta dol seachad air Port Loch an Àir
’S mi fàgail leis beannachd sa mhadainn Dimàirt.
’S e fad tha san eilean seo dà mhìle dheug,
Tha còrr is trì cheathramhan ann de leud,
Tha còrr is trì fichead de sgiobairean treun
A’ treòrachadh luingibh gu dùthchannan cèin.
Sa mhadainn mhoch Chèitein mun èirich an driùchd
Bidh an uiseag sna speuran a’ gleusadh a ciùil,
’S seillean breac stiallach a’ leum air gach flùr
’S bidh fàileadh na meala am Fang Fhalaich an Dùin.
’S toigh leam gach baca, gach stac agus cruach,
Gach lèanag ’s gach òban mun eòlach mi uair,
Toirt nam chuimhne gach còmhradh bhiodh aig òigridh gun ghruaim
A b’ àbhaist bhith còmhla rium a’ cluineart nam bruach.
Ach companaich m’ òige chan eòl dhomh an-dràst’;
Tha cuid dhiubh chaidh fhògradh le fòirneart thar sàil,
Cuid eile dhiubh seòladh air long nan crann àrd
’S cuid eile san uaigh nach gluais lath’ gu bràth.
Tha m’ athair ’s mo mhàthair sa chill ann le chèil’,
Siud an t-eilean as prìseil leam fhèin tha fon ghrèin,
’S ma gheibh mi mo dhùrachd ’s gach cùis air mo rèir
Siud an uaigh anns an tèid mi nuair thig crìoch air mo rèis.
’S e Tiriodh an t-eilean as bòidhche fon ghrèin,
’S e Tiriodh an t-eilean san d’ thogadh mi fhèin,
’S e Tiriodh an t-eilean dhan tug mi mo spèis
’S mi fàgail leis beannachd sa mhadainn an-dè.
