Seo a’ Bhliadhna a chuir às dhomh

19 An Gearran 2024

Òran le Alasdair MacMhathain air a rannsachadh agus air a ghabhail le Aileas NicLeòid

Faclan

Seo a’ bhliadhna a chuir às dhomh
Chnàmh am falt air mo cheann,
Chuid a th’ ann dheth air glasadh,
Falbh na mholl leis a’ ghaoith

Cha dèan lighich bonn feum dhomh,
No fo ’n ghrèin ach aon nì,
Gum faicinn mo cheud-ghaol,
’S mi call mo chèille ga dìth

Tha mo shùilean a’ sileadh,
Cus nas mire na ’n t-allt,
Tha mo bheul air fàs tioram,
’S tha mo chridh’ air fàs fann

Tha mo cheum a’ dol ’m maillead
Chaidh mo chadal air chall;
’S truagh nach robh mi fon talamh
Anns a’ chlachan ud thall

Tha mo cheann air a lìonadh
Le fiabhras ro àrd,
Le breisleach do chiall-sa,
’S le iargain do ghràidh

Gur e mise tha duilich
Mu nì nach uirrinn mi inns’
Tha sac trom air mo chridhe
Nach tog fidheall no pìob

Nach tog fidheall no clàrsach
No pìob àrd nan dos binn
Bhon a dhealaich mo leannan
Rium air cladach Phort Rìgh

’S ged a bhithinn còig bliadhna
Ann am piantan gam chràdh
’S ann an smaointinnean dìomhain
No am piantan a’ bhàis

B’ e siud eugaisg mo leannain
Gruaidh ghlan dhearg mar ròs
Do shùil ghorm fo chaol mhala
Slios mar chanach an lòin

Beul binn mar na teudan
D’ fhalt mar leugan den òr
Coltach bu ghrinn nan ceum aotrom
’S tu thogadh m’ èislean ’s mo leòn
’S diombach mise m’ òig dem chàirdean
’S do na phàrantan fèin
Nach do leig iad dhomh pòsadh
Nìghneag òg a b’ fheàrr beus

’S ma rinn iad thu mhealladh
Ann an gradaig bhuam fhèin,
Leigidh mi mo cheud beannachd
Gach aon là às do dhèidh

Mar a thagh mi an t-òran

Bha mi airson rannsachadh a dhèanamh air òrain a bha às a’ bhaile far an deach mo thogail – Sgonnsar san Eilean Sgitheanach. Bha mi eòlach mu thràth air an òran “Seinneam cliù nam fear ùr” a chaidh a dhèanamh le Iain Dhòmhnaill Bhàin à Torra Mìochaig (baile a b’ àbhaist a bhith gu math faisg air Sgonnsar, is am pìos de Sgonnsar far an deach mi fhèin a thogail). Cha robh mi cinnteach an robh mi a’ dol a’ lorg càil leis a’ chuspair seo, ach gu fortanach fhuair mi lorg air an òran seo le bhith a’ cur? “Sconser” sa bhogsa-luirg air Tobar an Dualchais. B’ e clàradh a rinn Calum MacGillEathain de dh’Alasdair MacNeacail a bh’ ann. Fhuair mi lorg air clàradh eile den òran seo le Seumas MacNeacail is, cha mhòr, an aon sgeulachd aig an dithis aca, is an dithis aca ag ràdh gur ann à Torra Mìochaig a tha an t-òran seo. Tha faclan sgrìobhte airson an òran seo anns An t-Òranaiche, is chleachd mi measgachadh de rannan bhon leabhar ud agus bhon a’ chlàradh.

An t-ùghdar

Bho na fhuair mi a-mach bho na clàraidhean air Tobar an Dualchas, b’ e Alasdair MacMhathain a’ rinn an t-òran seo. Cha robh mòran fios ann mu dheidhinn, ach le beagan taic bhon tasglann aig Clan Donald tha mi a’ smaoineachadh gun d’ fhuair mi lorg air.
Bho na fhuair mi lorg air, rugadh Alasdair MacMhathain mu 1823, is bha e a’ fuireach còmhla ri a mhàthair ’s a phiuthar ann an Coille Mòr co-dhiù eadar 1841-1851 (baile eile a bha faisg air Sgonnsar a tha a-nis mar phàirt de Sgonnsar; chaidh teaghlaichean fhuadachadh an seo bho Torra Mìochaig. Chan eil e a’ nochdadh às dèidh 1851, is thuirt Anne Beaton bho Tasglann an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse gur dòcha gun do bhàsaich e eadar 1851-1855, leis nach robh daoine math air clàraidhean bàis a chumail gus 1855, no gun do rinn e eilthireachd às dèidh 1851. A rèir a’ chunntais-sluaigh ann an 1851 bha Alasdair 28, is chaidh a ràdh a-rèir sgeulachd an òrain gun do bhàsaich e òg. Mar sin, ged nach eil fios cinnteach agam gur e an Alasdair seo a rinn an t-òran seo, tha mi a’ smaoineachadh gur e esan a rinn an t-òran leis an fhiosrachadh a th’ agam mu dheidhinn.

Mun òran

Fhuair mi an sgeulachd seo bhon clàradh de dh’Alasdair MacNeacail air Tobar an Dualchais. Bha Alasdair MacMhathain ann an gaol le tè òg, ach nuair a chaidh Torra Mìochaig fhuadach mu 1840. Dh’fhàg an tè seo le a pàrantan airson a dhol a-null à dh’Àstrailia. Bha Alasdair ag iarraidh a dhol còmhla rithe, ach cha do leig na pàrantan aice leis sin a dhèanamh. Às dèidh beagan ùine, dh’fhàs e gu math tinn is rinn e an t-òran seo dhan nighean mus do bhàsaich e.
Bha cha mhòr an aon sgeulachd aig Seumas MacNeacail, ach bha esan ag ràdh gun deach an t-òran a dhèanamh mu 1825 is gur ann a Chanada a chaidh an nighean.

← Air ais gu liosta nan òran