Soraidh gu Loch Bhraoin

A' Ghàidhealtachd

24 An t-Ògmhios 2020

le Dòmhnall Ros
Seachdain 26 – 24.06.2020

Air a ghabhail le Ruairidh Cormack

Faclan

’S e mo dhùrachd bhi tilleadh gu innis mo ghaoil
Far am faigh mise sealladh de ghleannan mo rùin
Gu na coilltean is bòidhche ’s na tulaich làn fraoich
’S gach nì tha cho àlainn gu h-àrd mu Loch Bhraoin.

Fad air falbh bhon an àite san d’fhuair mise m’ àrach
Bidh mo chuimhne air gach ceàrnan tha ’n dùthaich mo ghaoil
Far ’m bu tric rinn mi mànran ri tè a thug gràdh dhomh
Le blàth shùilean gràdhach bha tàmh an Loch Bhraoin.

’S e na monaidhean mòra le Fannaich ’s Beinn Ghòbhlach}
Is an Teallach cho bòidheach le sneachd air mar chrùn
’S nuair bhios faileas nan àrd-bheann air sàile mar sgàthan
Siud sealladh as àille bho àrainn Loch Bhraoin.

Ged tha glinn agus beanntanan daonnan nam chuimhne
’S e an sealladh as anns’ leam air feasgar ’s e ciùin
Faicinn grèin a’ dol sìos air cùl Eilean Samhraidh
Cur soillse mar òr fada thall air Loch Bhraoin.

Thoir mo bheannachd ’s mo dhùrachd a dh’ionnsaigh na dùthcha
’S gu na cluaintean tha fàsmhor ‘s do àirigh mo rùin
Do gach coir’ agus cruachan ’s na h-achannan uaine
’S gach gaisgeach is uasal tha shuas mu Loch Bhraoin.

An t-ùghdair

Rugadh Domhnall Ros ann an 1901 anns a’ Bhràighe, baile beag mu mhìle an ear-dheas air Ullapul, air cladach Loch Bhraoin. B’fheudar dha a dhol gu deas a shireadh cosnadh agus chur e seachad a’ mhòr-chuid de bheatha ag obair mar àrd phortair ann an taigh-òsta Roxburgh ann an Dùn Èideann. Bha e aithnichte air feadh na Gàidhealtachd mar bhàrd agus mar sheinneadair a bha dealasach ann a bhith frithealadh mhòdan agus thachartasan Gàidhealach.

Chan eil teagamh nach e Cailin mo rùin-sa an t-òran as motha a choisinn cliù dha, gu h-àraid an dèidh dha Calum Ceanadach a chlàradh sna 60an. Thug an t-òran Dearest my own one, stèidhichte air Cailin mo rùin-sa, ainm Dhòmhnaill Rois gu sluagh nas fharsainge is e air a sheinn le leithid nan Alexander Brothers.

Chaochail Domhnall Ros ann an 1966. Tha na facail aig grunn òrain leis rim faotainn san leabhar Òrain nan Rosach, deasaichte le Fiona NicCoinnich, air fhoillseachadh le Comhairle Roinn na Gàidhealtachd ann an 2005.

An t-àite

’S e loch mara air taobh an iar-thuath sgìre Rois agus Chromba a tha ann an Loch Bhraoin. Tha Ulapul air a cladach sear agus tha an Locha Beag, meur de Loch Bhraoin, chun iar. Tha trì sgìrean ann an seann pharaiste Loch Bhraoin – Còigeach, Achd Ille Bhuidhe agus Na h-Eileanan Samhraidh.

B’ ann à Loch Bhraoin a dh’fhalbh an long eilthireach Hector sa bhliadhna 1773. Dh’fhàg i Grianaig aig toiseach an Iuchair le trì teaghlaichean agus còignear ghillean air bòrd. Thadhail i ann an Loch Bhraoin, far an tug i air bòrd trithead ’s a trì teaghlaichean, agus fichead ’s a còig gillean òga. Tha e coltach gun deach pìobaire air bòrd cuideachd agus, ged a bha an sgiobair airson a chur gu tìr, gheall na h-eilthirich gun coimheadadh iad às a dhèidh agus shèol e còmhla riutha.

Bha mu dhà cheud eilthireach air a’ bhàta nuair a dh’fhàg i Loch Bhraoin deireadh an t-samhraidh air a slighe gu Canada. Bha fìor dhroch thuras aca eadar droch shìde, tinneas, cion bidh agus droch staid an t-soithich. Bha e air a ràdh gu robh i cho breòite ’s gun toireadh iad am fiodh às a chèile lem meòirean. Faisg air Newfoundland chaidh an glacadh le droch stoirm a chur iad far an cùrsa chun na h-ìre ’s gun tug iad mu chola-deug a’ tilleadh gu far an robh iad air a bhith. Chaill iad ochd-deug dhen chloinn leis a’ bhreac agus tinneasan eile. An dèidh a bhith aig muir aon seachdain deug ràinig iad acarsaid faisg air Pictou ann an Albainn Nuadh air a’ chòigeamh latha deug den t-Sultain.

Cha b’fhada gus an d’fhuair iad a-mach gu robh am fearann aca a-staigh air an dùthaich, seach ris a’chladach. Bha sin na bhriseadh-dùil chionns gu robh mòran dhiubh nan iasgairean a bha an dòchas co-dhiù cuid dem bith-beò a thoirt às a’mhuir. Bha e ro fhada air adhart sa bhliadhna airson an talamh àiteach agus bha fios aca gun robh geamhradh cruaidh air thoiseach orra. Le sin b’ fheudar do mhòran dhiubh a dhol a shireadh cosnadh anns na bailtean a b’ fhaisge dhaibh agus tha e coltach gun deach cuid cho fada Halifax, còrr air ceud is fichead mìle à Pictou.

Sgrìobh fear Donnchadh MacLeoìd, Achadh a’ Chàirn, cunntas air a’ chiad gheamhradh aig na h-eilthirich ann an Canada:

“’S iomadh rud a dh’ fhuiling iad air a’ cheud gheamhradh ud. Dh’ fhàg cuid dhiubh an dùthaich agus fhuair cuid eile obair-latha meadhonach faisg air làimh, ach bha mhòr-chuid nan èiginn. Bha an aimsir stoirmeil, le sneachd is gaillionn. Choisich cuid dhiubh ceithir fichead mìle gu Truro a cheannach bhuntàta is flùr is thug iad leotha sin air ais air an druim. Tha e air aithris gun robh aon teaghlach a’ bruich gucagan nan craobh-beithe airson lòin, is gun do thog teaghlach eile sgoilteannan bhuntàta airson an itheadh, an dèidh an cur airson sìl.

Ach nuair a thàinig an t-earrach agus an samhradh bha cùisean na b’fheàrr, ged nach robh air fhàgail dhiubh an uair sin ach tri fichead ’s a h-ochd deug. Bha iad a-nis math air sealg, is thòisich iad ri reic fiodha às a’ choille. Beagan bhliadhnachan an dèidh sin tha e coltach gun bhuain iad as t-fhoghar 269 tomhais (bushels) de chruithneachd, l3 de sheagal, 56 de pheasar, 36 de eòrna agus 340 puinnd de lìon. Bha stoc aca cuideachd – trì daimh dheug, trì mairt dheug, còig laoigh dheug, còig caoraich fhichead agus aon mhuc. Bhiodh iad a’ togail eisear bhon chladach agus bha pailteas èisg anns a’ mhuir, is mar sin cha robh eagal an acrais orra tuilleadh, ach ’s mi tha cinnteach nach do dhì-chuimhnich an linn ud rim beò a’ cheud gheamhradh a chuir iad seachad an Ameireaga.”

(Gairm Aireamh 31 An t-Earrach 1960)

Ann an 1788 chaidh Ulapul a thaghadh airson a dhèanamh na bhaile-puirt ùr le Comann Iasgach Bhreatainn a bha a’ feuchainn ri gnìomhachas an iasgaich a leudachadh. A’ tòiseachadh a’ bhliadhna sin fhèin, chaidh am baile a dhealbh le Tòmas Telford air pàtran clèithe, le stòr salainn agus togalaichean eile a bha feumail dha iasgairean a’sgadain. Ged a thàinig crìonadh mòr air an iasgach sin san naoidheamh linn deug, airson greis anns an fhicheadamh linn thug bàtaichean factaraidh, na klondykers, cosnadh agus soirbheachadh dhan bhaile.

An-diugh ’s e turasachd prìomh chosnadh na sgìre, le mòran a tha dèidheil air coiseachd agus amharc fiadh-bheathaichean a’ tighinn dhan sgìre. Tha cuid de na beanntan as ainmeil ann an Alba timcheall air Loch Bhraoin – mar eisimpleir An Teallach, Beinn Dearg agus Beinn Mhòr na Còigich.

← Air ais gu liosta nan òran