Stiùir Mo Chùrsa
A' Ghàidhealtachd
28 An t-Ògmhios 2021
Òran le Iain Camshron (1919-1989) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Eòin Cuimeanach
Faclan
Sèist
O stiùir mo chùrsa gu tìr mo dhùthchais,
O stiùir mo chùrsa gu tìr mo ghràidh,
O stiùir mo chùrsa gu tìr mo dhùthchais
A tha mi ’g ionndrainn a dh’oidhch’ ’s a là.
Cha toirinn taing dhut air tìr na Frainge
Theab mi bhith caillt’ ann le poll gu leòr;
Nuair thug iad dhomhsa na casan mògaich
Is an t-seilcheag chòcaicht’, cha d’ iarr mi ’n còrr.
Chan eil an Òlaind gu dearbh gam chòrdadh,
Bha ’n talamh còmhnard, cho ìosal sìnt’,
Na cuaintean maoidheadh na ballan a sgaoileadh -
Gu dearbh cha chaomh leam bhith ’m chòmhnaidh innt’.
Afraga fhàsail - gun d’ ghabh mi tàmh ann,
Bha ’n teas cur gràin orm, bha ’n t-uisge gann;
Le teas na grèine, thrèig leth mo chèill’ mi -
Le òr na h-Èipheit chan fhanainn ann.
’N Eadailt na h-òcraich aig cinne neònach
A bhios a’ ceòl riut a’ mealadh ùin’;
Mar sheann chait sheòlta, a bhiodh thu sròiceadh,
Ged bhiodh e ’crònan, thèid spliug nad shùil.
Ruisia fhuar ud, gun d’ ghabh mi cuairt ann:
Am miosg an t-sluaigh ud, bha mi air chall;
Bha iad cho spuacach, gun iochd, gun truas annt’,
Chan fhanainn uair ann, nam faodainn falbh.
O stiùir mo chùrsa gu tìr mo dhùthchais,
Tìr fhallain chùbhraidh nan stùc ’s nam beann;
An àileadh ùr chuireadh tuilleadh sunnd rium
Air slios Loch Iubh, bidh mi sona ann.
Mar a thagh mi an t-òran
Bha e na mhiann dhomh a bhith a’ lorg tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn òrain às an sgìre agam fhìn, Ros an Iar. Tha grunnan bhàird a b’ urrainn dhomh a bhith air a thaghadh. 'S e bàrd air leth a bh’ann an Iain Camshron agus roghnaich mi sgrùdadh is rannsachadh a dhèanamh airsan leis gu bheil brìgh nan òran mu dheidhinn rudan ionadail air a bheil mi gu math eòlach is ceangal agam riutha.
An t-ùghdar
Rugadh Iain Camshron air an 28mh den Dùbhlachd 1919 ann an Inbhir Àsdal, far an do chuir e seachad ùine mhòr na bheatha. Chaidh oideachadh ann an Inbhir Àsdal sa bhun-sgoil agus ann an Geàrrloch san Àrd-Sgoil.
Às dèidh dha an sgoil fhàgail, bha iomadh obair aige, lethid aig Tuathanas Pholl Iubh, Comhairle na Siorrachd, is na shaor.
Ann an 1939, thàinig air a dhol dhan chogadh. Bha e a’ sabaid ann an Afraga, anns an Fhraing, an Òlaind, an Eadailt agus anns a’ Ghearmailt. Chaidh a ghlacadh sa Ghearmailt ann an 1944, is bha e na phrìosanach-cogaidh an sin airson naoi miosan gus an deach a shaoradh leis na Ruiseanaich. Goirid às dèidh seo, thill e dhachaigh far an do ghabh e obair aig a’ Bhoom (am Boom Defence Depot) aig Loch Iubh agus bha iomadh obair dhiofraichte aige sa Bhoom na bheatha.
Phòs e Effie NicAsgaill às na Hearadh, agus bha cuid de a bhàrdachd mu a deidhinn. Às dèidh do dh’Iain a dhreuchd a leigeil seachad, ghluais e fhèin is Effie gu Inbhir Pheofharain, far na dh’fhuirich iad gu deireadh am beatha.
Bha mòran de bhàrdachd Iain a’ moladh na sgìre anns an do thogadh is anns an do dh’fhuirich e, Ros an Iar. Bha e na fhasan aige fonn a thaghadh agus faclan a chur ris an uair sin. Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1953. Bhitheadh e cuideachd a’ sgrìobhadh dealbhan-cluiche Gàidhlig agus dàin Bheurla.
Chaochail Iain agus a bhean glè fhaisg air a chèile ann an 1989.
Seo beagan bheachdan mu Iain Camshron a chaidh a chlàradh bho Eachann MacCoinnich. B’ e uncail dha a bh’ ann an Iain.
“Bha deagh chàirdeas aige le nàbaidhean agus daoine às gach ceàrnaidh de bheatha - bho chroitearan gu ceannardan Nèibhidh cliùiteach. Bha e làidir na bheachdan ’s na phrionsabalan air diofar rudan agus dhèanadh e dìon cruaidh orra, gu h-àraid na thaic airson Gàidhlig. Bha e cuideachd gu math sgileil ann am bruidhinn foirmeil is mar sin bha a chomasan air am faotainn airson bainnsean is dinnearan spaideil.”
Tha sgeul caran diofraichte aig Eachann mu bheatha Iain sa chogadh. Tha e ag ràdh gun d’ fhuair Iain diphtheria ann an camp nam prìosanach, ach gun deach aige fhathast air faighinn mu sgaoil còmhla ri triùir chompanach is gun d’fhuair e air ais gu Breatainn. Chuir e seachad an ath shia mìosan ann an ospadal is taighean ath-shlàinteachaidh mus do thill e dhachaigh.
Bha buaidh mhòr aig a’ chogadh air, rud a tha follaiseach na bhàrdachd. Chunnaic e na h-uabhasan sa chogadh agus bhiodh e an-còmhnaidh ag ràdh nach bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh cho fortanach ’s a tha sinn a bhith beò ann an àite sìtheil is saor. Cha bhruidhneadh e tric mu na thachair dha sa chogadh.
An t-òran
Tha Stiùir mo Chùrsa mun dàrna cogadh is gu h-àraid na h-àiteachan far an do shabaid am bàrd. Tha an t-sèist gu math dòchasach is làn fadachd. Bha am bàrd air falbh bho dhachaigh airson mu shia bliadhna agus mar a chì sinn na fhaclan, cha robh càil mu na h-àiteachan san robh e a bha tlachdmhor. Tha faclan gu math cruaidh is dìreach air an cleachdadh, agus tha faireachdainnean a’ bhàird gu math soilleir. Chan eil e a’ cumail càil air ais, fiù ’s nam biodh e a’ dèanamh tàire air cuid de dhaoine. ’S dòcha gun canadh cuid san latha an-diugh nach eil na faclan iomchaidh ach feumaidh sinn cuimhneachadh an eachdraidh agus an suidheachadh a tha ceangailte riutha.
Fiosrachadh eile
Chuir mi fios gu Taigh-Tasgaidh Gheàrrloch gus faighinn a-mach an robh clàraidhean aca de dh’Iain Camshron a’ seinn nan òran aige fhèin. Fhuair mi faidhlichean fuaim bhuapa a chuidich mi ann a bhith a’ lorg am fonn airson Stiùir mo Chùrsa.
Buidheachas
Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Thaigh-Tasgaidh Gheàrrloch a chuidich mi lem rannsachadh.
