Tè nan Gorm-shùilean Meallach
A' Ghàidhealtachd
10 An Giblean 2020
Oran le Niall MacLeòid
Air a rannsachadh ‘s air a ghabhail le Donnchadh MacLeòid
Faclan
Thoir mo shoraidh le dùrachd
Gu Àrd Mhèar nan stùcan,
Far an d’ fhàg mi mo rùn geal
’S mi cho tùirseach na dèidh.
Far an d’ fhàg mi mo leannan
Tè nan gorm-shùilean meallach,
Craiceann mìn-gheal mar chanach,
Air broilleach mo rùin.
Far an d’ fhàg mi mo mhaighdeann,
A dhѐanainn fhèin fhaighneachd;
Cridhe fialaidh gun fhòill aic’
’S i mar dhaoimean san driùchd.
Suas a’ Chreig a’ dol dhachaigh,
Thug mi sùil air a’ chathair,
Dh’fheuch am faic mi mo leannan
Tè nan camagan dlùth.
Tè nan camagan bòidheach,
’S iad gu grinn an cur an òrdugh;
Beul ’s binne sheinneas òran,
Na smeòrach nan craobh.
Ged bhitheadh agam de stòras
Na tha airgead sa Chòigich,
’S tusa dheànainn-sa phòsadh
Ro òg-bhean san tìr.
A’ ghruaidh fhìnealta bhòidheach,
Air a’ mhaighdinn a leòn mi;
Mura dèan i mo phòsadh,
Bidh mi brònach ga caoidh.
Craiceann corrach geal àlainn,
Air broilleach mo ghràidh-sa;
’S lìonmhor mais’ tha ri àireamh,
Air malaidh mo rùin.
Tha mi còrr is sia bliadhna
Le do ghaol air mo lìonadh;
Ach a-nis bhon a lìath mi
Chan fhiach leat mo ghaol;
’S tu fhèin mo Ghrace Darling,
’S tu ràmhas am bàta;
Thѐid thu leatha dh’Eilean Mhàrtainn
Air cho àrd ’s a shèid gaoth.
An t-òran
Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le Niall MacLeòid às a’ Chòigich a bha aithnichte mar “Bàrd a’ Phuill Bhàin”. Rugadh e timcheall air 1885 agus bha e aithnichte mar bhàrd baile.
Is e beagan de na h-òrain aige a tha fhathast rim faighinn san latha an-diugh ann an sgrìobhadh no air an clàradh, agus tha na chaidh a shàbhaladh mar thoradh air oidhirpean Ruairidh MhicLeòid, dlùth-dhàimh dhomh fhìn às a’ Pholl Bhàn. B’ e Ruairidh aon den luchd-labhairt Gàidhlig dùthchasach mu dheireadh às a’ Chòigich agus dh’fhàs e suas a’ cluinntinn mu dheidhinn a’ Bhàird agus a chuid òrain. Thuig e nach robh na h-òrain sin aithnichte ach le beagan dhaoine den t-seann ghinealach, agus mar sin o chionn beagan bhliadhnaichean dh’fhoillsich e an leabhar “An Trubhal na mo Dhòrn”. Anns an leabhar seo, tha tar-sgrìobhaidhean is eadar-theangachaidhean de dh’òrain MhicLeòid a bha Ruairidh air a thional. Chuidich a mhac Caoimhin (dàrna co-ogha do m’ athair) leis an leabhar seo a chruthachadh. Bha iad an dòchas gun ionnsaicheadh cuideigin san teaghlach no seinneadair sa choimhearsnachd cuid de na h-òrain agus gum maireadh iad mar phìosan beò de dhualchas na Còigich.
Bha mi air mo tharraing chun an òrain mar thoradh air a sgeulachd ghaoil shìmplidh is bhrònaich. Tha a’ chainnt glè dhealbhach agus is toigh leam gu bheil e a’ toirt iomradh air Eilean Mhàrtainn, far an robh mo sheanair agus a theaghlach a’ fuireach uaireigin. Dh’ionnsaich mi am fonn bho chlàradh sna 1950an a chuir Caoimhin thugam de dh’Aonghas Rosach, co-ogha do Ruairidh.
Donnchadh MacLeòid, 2019
Aithneachadh
Air a chlàradh aig Aird Studio, Inbhir Nis
Air fhiolmadh aig Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùis Sam Whitby
