Teannadh ris a’ Chaolas
Na h-Eileanan Siar
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: Iain MacLeòid (Iain Thormoid Bhig)
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Isabelle Bain
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Iain MacLeòid (Iain Thormoid Bhig à Siabost). Bha e ann an leabhran aosta agus bha mi airson ionnsachadh leis gur ann à Siabost a bha mo sheanair.
Faclan
Tha thìd’ agam fhìn a bhith falbh dhachaigh dìreach
Tha thìd’ agam fhìn a bhith falbh ann
Tha thìd’ agam fhìn a bhith togail ris an t-Sheila
A dh’ionnsaigh na tìr’ o na dh’fhalbh mi.
Tha i dubh ach fìnealt’ mar mhaighdeannan a’ Bhìobaill,
’S e Eilean an Fhraoich tha mar ainm oirr’;
Cha chluinn mi murt air sràid ann no fear aig bean a nàbaidh,
Tha sonas ud san àite on a dh’fhalbh mi.
Mur eil mèinnean tìr’ innt’ tha sonas agus sìth innt’,
Is sona tha gach aon innt’ le chrannchur;
Caidlidh iad sèimh innt’ gun eagal an co-chreutair,
’S cha bhi glas no gèimheann air ionmhas.
Fàg i nad òige ’s cuir cuairt air an Roinn Eòrpa,
Tuiteadh mèinnean òir ann an sealbh ort;
Innis le do dheòin dhomh nach e seo do dhòchas,
Gun caith thu crìoch do lò far na dh’fhalbh thu.
Fàg i nad aois mar ri càirdean ’s luchd gaoil,
Biodh gach cofhurtachd dhut saor agus airgead;
Ged bhiodh tu cheart cho maoineach ri Iob nan crodh ’s nan caorach,
B’ fheàrr leat an tìr o na dh’fhalbh thu.
Ma thèid mo latha shìneadh ’s gum faigh mi chum an t—Sheila,
Ruigidh mi le tìm Cnoc na h-‐aona Chlaich,
’S nì mi bothan beag dhomh fhìn ann an reamhrachd na tìre
’S cha tig na cìs-mhaoir thogail m’ airgid.
Ann am beagan tìm nì mi oidhirp chun an t-Sheila
Nuair a gheibh mi ’n tiogaid le airgead,
’S an còrr de mo thìm ann an sonas ’s ann an sìth
Nì mi chaitheamh anns an tìr o na dh’fhalbh mi.
