Tha Mi fo Chùram air Cùlaibh Èirinn

Na h-Eileanan Siar

24 An t-Samhain 2020

Le Ruaraidh MacLeòid
Seachdain 43 – 24.11.2020

Air a ghabhail le Eoghainn MacLeòid

Faclan

Sèist: Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn,
Tha mi fo chùram air bòrd na h-iùbhraich
Is i gar giùlain a-null don Èipheit.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

An tè bh’ aig fuaradh, an uair a bhuail i,
Bha cuid nan suain innt’, ’s cha d’ fhuair iad èirigh.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Bha glaodh a’ bhàis air gach taobh dhen bhàta
’S mo chrìdh’ gu sgàineadh le cràdh gan èisteachd.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

An tè bha faisg oirnn aig uair sa mhadainn
Chaidh i na lasraichean dha na speuran.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Chithinn pàirt dhiubh le seacaid àirce
Bha ’n fhairge làidir ’s cha do shàbhail creutair.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Gach inneal marbhaidh a bh’ aig a’ Ghearmailt,
Bha e fon fhairge ’s a’ falbh nan speuran.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Gillean Leòdhais bu tric bha còmh’ rium
Bha Tormod Eòghainn is Dòmhnall Sheumais.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

O MhicMhaoilein, gur tric mi smaointeachadh
Air bòidhchead d’ aodainn ’s do choltas glè-gheal
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Ach thèid gach cealgair a tha sa Ghearmailt
Chur sìnte marbh, bodhar, balbh, gun èirigh.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

O ’illean òga, nach tig sibh còmh’ rium
’S gun tog sinn tòrachd air chòir an treunais.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Thèid Mussolini chur dhan a’ phrìosan
’S le cromadh cinn cluinnidh e bhinn ga leughadh.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Thèid croich an òrdan is crochar beò e
’S bidh coin na Ròimh a’ toirt fheòil o chèile.
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

O, cha dìochuimhnich mi gu sìorraidh
Oidhche Chiadain an Iar air Èirinn;
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

Tha mi fo chùram air bòrd na h-iùbhraich
Is i gar giùlain a-null don Èipheit;
Tha mi fo chùram air cùlaibh Èirinn.

An t-ùghdair

Rugadh Ruaraidh MacLeòid ann an 1903 ann an Stocanais ann am Bàigh na Hearadh. Bha e air ainmeachadh ann an grùnn dhòighean – Bàrd Caolas Stocanais, Ruaraidh Cunnartach agus “Harris”. Ged a bha e na dheagh sgoilear cha d’fhuair e cothrom leantainn air le foghlam agus an dèidh an sgoil fhàgail thug e greis aig na h-obraichean a bha am Morair Leverhulme a’ cur air adhart san t-Òb. Ach, a bharrachd air an ùine sin, b’ ann aig muir a bha e cha mhòr fad a bheatha. Tha e coltach gur e Leòdhasaich a bha a’ seòladh còmhla ris a thug am far-ainm Ruaraidh Cunnartach air, chionn ’s gu robh a fhreagairt daonnan cho faisg dha agus gu faodadh e aig àm sam bith òran a dhèanamh mun deidhinn fhèin.

Chaochail Ruaraidh ann an 1965 an dèidh tubaist air bàta leis an City Line, faisg air na Canaries. Chaidh a thiodhlacadh ann an Las Palmas.

An t-òran

Aig àm an Dàrna Cogaidh bha Ruaraidh air bàta a bha turas ri fasgadh an iar air Èirinn agus i air an t-slighe dhan Èipheit. Chunnaic e torpedo a’ bualadh ann am bàta eile a bha an taobh thall dhen bhàta aige fhèin, agus chunnaic e an sgrios a chaidh a dhèanamh air a’ bhàta agus gu h-àraid orra-san a bha air bòrd – seallaidhean uabhasach nach do dhìochuimhnich e riamh.

← Air ais gu liosta nan òran