Uisge ruith gu siorraidh buan

Sgìrean Eile

2 Am Màrt 2021

Le Raonaid Walker

An t-òran

Anns an òran ùr seo, coimisean bho Fèisean nan Gàidheal airson Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan 2020 a chomharrachadh, tha Raonaid Walker, a sgrìobh agus a tha a’seinn an òrain, air cuairt a ghabhail timcheall uisgeachan is cladaichean na h-Alba. Tha iomadh ìomhaigh san òran – maighdeannan-ròin, luingeis-cogaidh, stacan mara, eunlaith, aibhnichean bhradain is iasgach sgadain, gàrraidhean-iarainn is canàil– a’tighinn còmhla mar dhealbh de chruth-tìre agus bòidhchead na dùthcha is mar a tha a’ mhuir, aibhnichean, lochan is cladaichean cho cudromach a thaobh dòigh-beatha, cultar is obraichean muinnntir Alba.
B’ e Latha Fèill Eòin latha meadhan an t-samhraidh. A rèir beul-aithris bhiodh a’ Chailleach Bheurra, Banrigh a’ Gheamhraidh, a’ nighe a breacain aig toiseach a’gheamhraidh aig Coire Bhreacain, deas air Muile. Bha an obair mhòr seo a’ toirt trì làithean ’s bha i a’ dèanamh mòr-fhuaim fhad ’s a bha i ris. Ge-tà, nuair a bhiodh i deiseil bhiodh am breacan glan agus geal, a’ ciallachadh gum biodh sneachd ann air a’gheamhradh.

An t-ùghdar

Tha Raonaid Walker – seinneadair, tidsear, stiùiriche chòisir, sgrìobhaiche òrain agus sgrìobhaiche ciùil – air iomadh duais a chosnadh, eadar ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Na Trads ann an 2013 agus Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2017.

Tha i air ceòl is òrain a sgrìobhadh airson iomadh tachartas is buidheann, nam measg Scotland Sings, Fèisean nan Gàidheal agus Dualchas Nàdar na h-Alba. Tha i air coimiseanan prìobhaideach a choileanadh agus b’ i a sgrìobh an t-òran Fada Bhuam a riochdaich Alba aig an fharpais òrain Liet International. Ann an 2018, bha òran eile leatha, Arms of the Ocean, aig àireamh a h-aon anns na World Music Download Charts.

Ged tha a dachaidh ann an Loch Abar, rugadh i ann an Salisbury ach ghluais an teaghlach nuair a bha i ochd gu Ceann Loch Iù far an do thòisich i a’ seinn òrain Ghàidhlig an toiseach. An dèidh an sgoil fhàgail rinn i cùrsa ann an ceòl clasaigeach ann an Dùn Èideann agus bha i an dèidh sin am measg a’chiad oileanaich a rinn an cùrsa ùr ann an ceòl traidiseanta aig an RSAMD, Conservatoire Rìoghail na h-Alba an-diugh. Sin far na thachair i ri a cèile, am pìobaire Anndra Stevenson, a bha am measg an luchd-ciùil a thòisich an còmhlan Skipinnish agus bidh Raonaid fhèin tric a’ seinn còmhla ri Skipinish. Bha i cuideachd am measg an fheadhainn a thòisich an còmhlan Dòchas. An-diugh a bharrachd air a bhith a’ seinn leatha fhèin bidh, bidh i a’ seinn còmhla ri Cruinn.

’S i an stiùiriche aig Còisir Ghàidhlig Loch Abar agus tha i na h-òraidiche ciùil agus na stìùiriche air Roinn a’ Chiùil aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar anns a’ Ghearasdan. Bidh i cuideachd a’ teagasg òrain Ghàidhlig aig Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd sa Phloc.

Nochd an ceathramh CD aice Gaol toiseach a’ gheamhraidh 2020. Ron sin bha Bràigh Loch Iall (2004), Fon reul-sholus (2006) agus Air Chall (2010) air còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd.

← Air ais gu liosta nan òran