le Rob Donn MacAoidh
Seachdain 32 – 5.8.2020
Air a ghabhail le Donnchadh Macleoid
Siubhal mar ri Deòrsa duinn,
Do Steòrnabhagh air chuan,
Fad na h-oidhch’ a’ seòladh dhuinn,
Gu Rubh’ an Stòir ud shuas;
Bu bhiadhach, deochach, bhirlinn ud,
’S i luchdar, dìonach, luath,
Gu stiùreach, crannach, ròpanach,
Gu rathanach, seòlta, fuaight’.
Air maoladh gob an Rubha dhuinn,
An dubharachd na h-oidhch’,
Suas gu Loch an Inbhir sinn,
’G iomramh gun leus soills’,
Shìn gaoth an ear ri sèideadh oirnn,
Nuair dh’ èirich lath’ on oidhch’,
’S air port sam bith cha lùbtadh i,
Eadar Pùitig is Loch Àills’.
Sa mhadainn ’s ann a b’ èiginn duinn,
Nuair dh’èirich gaoth gu searbh,
Ar cùlaibh thoirt don tìr,
’S ar ceart aodann thoirt don fhairg,
Fo steallaidhnean, ’s fo thunnsgaidhnean,
Na tonnan mòra, borb,
Cnocach, copach, sìdeach, gleannach,
Glupach, liopach, gorm.
Nuair chaidh i air a h-adhart,
’S a h-aghaidh air a h-iùl,
Bu chuimseach gleust’ na Leòdaich,
Mu na sgòidean aig na siùil.
Bu toigheach, cuimhneach, làidir,
Bha Pàdraig air an stiùir,
’S bha Seòras ruadh na Tairbeirt ann,
Le seirbhis uiread ’s a bha ’n triùir.
Bha ’n sgiob ud air a coimeasgadh,
Le fearalas is fiamh,
Chìteadh fiamh a’ ghàir’ orr’,
Ged a dh’fhàg iad clach is sliabh,
Le duinealas gun eibeantas,
Gun saidealtas nan gnìomh;
’S gun fhear air bith den chòigear ud,
Bhi staigh an Leòdhas riamh.
Ach sheall an t-iùl-fhear tròcaireach,
Air ur n-èiginn-sa na thìm,
Nuair nach feudtadh bòst
A chur a seòldair no a saoir.
O dhruim na mara mòr-chleasaich,
’S i seòladh staigh na caoir,
’S dhe bàrr nan tonnan sròthanach,
Gun bhuail i sròn ri tìr.
Nuair ràinig sinn an t-àite sin,
Bha chuideachd fàilteach rinn;
Fhuair sinn taghadh fàrdaich,
Nach robh àicheadh os a cinn,
Gu ballach, aolach, sglèatach,
Rèidhleach, lotach, glèidhteach, grinn,
Aig armann fial de dh’Ìomhaireach,
Aig nighean Triath Chill Duinn.
Bha Caiptein oirnn san àite sin,
’S ann às a dhèanainn bòst,
Cha tigeadh gloin’ gu clàr ann,
Nach b’ i a shlàint-sa rachadh òl;
Seana mhnathan a’ briathrachas,
Nach fhac iad riamh nas bòidhch’,
Is cagar mhaighdeann fiarachdail,
“O chiall, am bheil e pòst’?”
Nuair chuir e aodach aisig dheth,
’S a dheasaich se e fèin,
Shaoil mi nach bu mhagaid domh
A ràdh gum b’ ghast’ a cheum.
B’ e cainnt nan daoin’ bha eòlach air,
’S e falbh nan còir air sreud,
“Tha e gun mhnaoi a chòbhras e,
’S a rìgh, bu mhòr am beud!”
’S e mo dhùrachd chinnteach dhuit,
’S i ’n fhìrinn tha mi ’g ràdh,
Bith cuimhneach air do phaidhleat,
Is cha chaill thu air gu bràth;
Saoghal sona ’n deagh bheath’ dhuit,
’S deagh oighreachan bhith d’ àit,
Is uiread eile dh’ ionndrainn orr
San àm am faigh iad bàs.
(Facail à 100 Òran le Rob Donn MacAoidh deas. le Ellen L. Beard Taigh na Teud, 2018)
An t-àite
Tha grunn àitichean air an ainmeachadh anns an òran. Tha baile Loch an Inbhir ann an Asainte agus tha e am measg nam prìomh phuirt iasgaich ann an Alba. Tha Rubh’ an Stòir tuath air Loch an Inbhir agus tha taigh-solas air an Rubha, a’ comharrachadh crìoch a tuath a’ Chuain Sgìth. Tha Pùitig air cladach a tuath Chataibh eadar Loch Earabol agus Caolas Thunga agus bhiodh seann mharaichean ag ràdh “Seachainn Pùitig agus Am Parbh.”
Tha sgìre Loch Aillse air tìr-mòr na h-Alba eadar Loch Carrann agus Loch Aillse.
An t-òran
Chaidh am bàrd air cuairt mara còmhla ri Deòrsa MacAoidh leis an robh Eilean Shannda, eilean beag a tha tuath air Bàgh Sgobharaidh, mu dhusan mìle deas air Seannabhad ann an Cataibh. Chaidh an glacadh ann an stoirm ’s iad a-mach bho Rubh’ an Stòir. Bha dùil aca a bhith air pìleat a thoirt air bòrd ann an Loch an Inbhir ach b’ fheudar dhaibh teiche tarsainn a’ Chuain Sgìth as aonais. Tha e coltach gun d’ thàinig iad gu tìr ann an Griais, Leòdhas, far an d’fhuair iad fàilte bhlàth agus deagh aoigheachd.
An t-ùghdair
Rugadh Rob Donn MacAoidh ann an Allt na Caillich, ann an Dùthaich MhicAoidh, ann an 1714. Tha teagamh ann mun t-sloinneadh aige – an e MacAoidh, Calder no fiù ’s Donn fhèin a bha air. Co-dhiù b’ e MacAoidh a lean ris. Cha robh foghlam foirmeil idir aige, ach nuair a bha e sia no seachd bliadhna dh’ aois fhuair e obair bho fhear-taca, Iain mac Eachainn. B’ e Iain a dh’ ionnsaich do Rob Donn mu chrodh agus mu dhròbhaireachd.
Nuair a bha e glè òg thuit e ann an gaol le Anna Mhoireasdan, tè dhan do sgrìobh e dà òran gaoil, ach cha do phòs iad idir. Mu 1740 phòs e Seònaid, nighean Thòmais MhicAoidh, agus rinn iad an dachaidh ann am Bad na h-Achlais.
Ged a thug e dhà na thrì bhliadhnaichean san arm, chuir Rob Donn seachad a’ mhòrchuid de bheatha ann an Dùthaich MhicAoidh, a’ buachailleachd chruidh, a’ dròbhaireachd agus a’ sealg air oighreachd MhicAoidh. Bha obair mar dhròbhair ga thoirt gu fèilltean-cruidh cho fada deas ri Craoibh, An Eaglais Bhreac agus Carlisle.
Bho aois glè òg bha ainm aige airson a bhith deas-bhriathrach. Bhiodh e tric a’còmhradh agus a’freagairt cheistean ann an rannan bàrdachd. Tha còrr air dà cheud pìos bàrdachd leis air sgeul an-diugh, air an sgrìobhadh sìos bhon aithris aige fhèin. Tha grunn de na h-òrain aige air an seinn fhathast, mar eisimpleir Ged is Socrach mo Leabaidh, Iseabail NicAoidh, Gleanna Gollaidh, agus Thèid mi Cuide Riut.
Chaochail Rob Donn ann an 1778 agus chaidh carragh-chuimhne a thogail dha ann an 1827 anns a’ chladh aig eaglais Bhaile na Cille, faisg air Diùirnis.
Chaidh na h-òrain aige a chur an clò an toiseach ann an 1829 agus dà thuras ann an 1899, aon leabhar air a dheasachadh le Hew Morrison agus fear eile le Adam Gunn agus Calum MacPhàrlain. Dh’fhoillsich Taigh na Teud san Eilean Sgitheanach 100 Òran le Rob Donn MacAoidh, deasaichte le Ellen L. Beard, ann an 2018.

Tuilleadh fiosrachaidh