Zulu Dhòmhnaill Ruaidh

Le Coinneach MacÌomhair

Seachdain 37 – 11.9.2020

Air a ghabhail le Tormod MacArtair

Cha bhi sinn gun iasg tuilleadh
Sgait is biorach as a’ chuan
Muinntir an Ach le na càirn
An coinneamh bàta Dhòmhnaill Ruaidh.

Sèist: Haoidle-um tò haoidle, aoidle
          Haoidle-um tò haoidle ì.

Chan eil langa ghlas no biorach
Eadar Hiort ’s an Cuan a Tuath
Eadar sin is cladach Lochlainn
Nach eil gabht’ aig Dòmhnall Ruadh.

An cual sibhse man a’ chriutha
Bha ’n Zulu Dhòmhnaill Ruaidh
Tormod, Dòmhnall, Coinneach Greannach
Iain Geal is Dòmhnall Ruadh.

Bha fear a dhìth orr’ dhen a’ chriutha
’S thug iad ruid asda mu thuath
Iain ’an Bhig le briogais ghoirid
’S chuir e feagal air an t-sluagh.

Sgaitean mòr’ an cùl a’ Ghallain
Langanan is bodaich ruaidh
’S iad ag èigheach ris na bioraich
“Seo a-rithist Dòmhnall Ruadh!”

Cha robh combaist innt’ dhan t-saoghal
Ach bata caol aig Dòmhnall Ruadh
’S e na sheasamh anns an toiseach
’G èigheachd doidsichean a’ chuain.

Tighinn a-mach dhaibh aig Sgeir Dhail
Fhuair i dh’fharsaingeachd a’ chuain
Bha Iain Mhetch ag èigheachd “Heave!
Thoir na trì dhith, Dhòmhnaill Ruaidh!”

’S ann aig fadhlaichean a’ Bhutt
A chur i feagal air an t-sluagh;
Chruinnich iad a mhullach Mùirneig
A dh’fhaicinn Zulu Dhòmhnaill Ruaidh.

Bha i luath a-nuas mu Bharabhas
Bha i man earb’ a’ tighinn gu Brù
Dh’èigh ’An Gearran ann an Àrnoil
“Schooner th’ ann a’ dol a dh’Ùig!”

Ri dol timcheall Rubha na h-Arspaig
Thàinig fras oirre a bha cruaidh
Chaidh Iain Mhetch sìos a chrùbadh
Ruith an t-sùilidh mach an cuan.

Chan eil eathar bheag no bàt’
Nach bi air a’ steàrr Diluain
’S chan eil adag beag a dh’fhàg iad
Nach do thràlaig Dòmhnall Ruadh.

Bha muinntir Shiaboist is Àrnoil
Muinntir Bhradhagair is Bhrù
Iad ag èigheach aig a’ chladach
“Iain a’ Mhetch, gabh a’ stiùir!”

Thàinig smancaichean à Sasainn
Air an òrdachadh gu tuath
Cha robh smanca fon a’ Chrùn
Cho math ri sùilidh Dhòmhnaill Ruaidh.

Bha Tormod Iain ’s Coinneach Greannach
Dòmhnall Carach ’s Dòmhnall Ruadh
Tormod Dholl ’s Calum Badaidh
’S Iain a’ Mhetch a chinn a tuath.

Chuir iad fios a mhullach Chàrl’bhaigh
Dha gach àit’ a bha mun cuairt
Iad a chruinneachadh chun an Dùnain
Dh’fhaicinn Zulu Dhòmhnaill Ruaidh.

Bha Coinneach Greannach anns a’ ghailidh
’S e ga thachdadh leis an luath
Leis na dh’ith e dhen a’ langa
Thill an stamag aige nuas.

Bha chuid bu mhotha dhen a’ chriutha
Air an lapadh leis an fhuachd
Iain ’an Bhig ’s e air an t-sòla
’S e ri gòmadaich gu Cluaidh.

Nuair a ràinig na balaich dhachaigh
Dh’fheumadh sgrìobhadh dhan a’ Bhruaich
’S gum print-ist as a’ Highland News

“Sùilidh ùr aig Dòmhnall Ruadh!”

An t-ùghdair

Rinn Coinneach MacÌomhair, Coinneach Aonghais Òig, no Coinneach Ùr, an t-òran dha  ghrunn fhireannaich à Breascleit. Coltach ris fhèin, cha robh eathar aig duine aca ’s cha mhotha a bhiodh iad a’ dol a dh’ iasgach. B’ e clachair a bh’ ann an Coinneach agus a dh’aindeoin ’s gur e duine caran sàmhach a bh’ ann, tha an t-òran seo a’ dearbhadh gur robh e cruthachail agus geur.

Zulu

B’ e Uilleam Caimbeul à Inbhir Lòsaidh a dhealbh a’ chiad Zulu ann an 1879 agus chionns gu robh cogadh eadar Ìompaireachd Bhreatainn agus Ìompaireachd nan Zulu aig an àm, thug e Zulu oirre. Bha dà chrannagus trì siùil air a’ bhàta ùr  agus bha i na bu luaithe agus na b’ fhasa a làimhseachadh na na Fifies agus na Skaffies a bha àbhaisteach aig an àm. Cha b’fhada gus an robh a h-uile iasgair a’ miannachadh zulu a bhith aige.

B’ e iasgach am prìomh chosnadh a bha aig muinntir Leòdhais ron Chiad Chogadh. B’ e iasgach an sgadain, anns a’ Chuan Sgìth no a-mach à bailtean-puirt an àird an ear, a b’fheàrr airson cosnadh. Cuid de bliadhnaichean dhèanadh iad deagh chosnadh ach bhiodh bliadhnaichean eile ann nuair nach biodh sgillinnn cha mhòr aca airson an saothair.

Bhite ag iasgach cuideachd leis na lìn mhòra airson truisg agus langannan timcheall cladaichean an eilein.  Ach a dh’ aindeoin ’s gu robh an t-iasg pailt, cha robh an cosnadh cho cinnteach dhan iasgair, mar a mhìnich Dòmhnall MacÌomhair, a sgrìobh an t-òran An Ataireachd Bhuan, ann an òraid a thug e do Chomunn Gàidhlig Inbhirnis air 21.12. 1928:

“Mu dheireadh an earraich, an uair a rachadh an latha am fad is am feabhas, bha iasgach na langainn a’ tòiseachadh. Bha taighean-saillidh anns gach port; gach sgioba ceangailte chum an t-iasg a liùbhraigeadh don cheannaich air prìs àraid. Air gach taobh bha ’n t-airgead gann. B’ e prothaid a’ cheannaiche gum biodh am bathar a gheibheadh an t-iasgair pailt cho saillt ris an langainn a bha dol ga phàigheadh. Mar seo bha fiachan an iasgair a’ fàs mòr ann an leabhar a’ cheannaiche gus mu dheireadh an rachadh an t-suim thairis air na rangan. Stadadh an ceannaich a’ toirt seachad is stadadh an t-iasgair air tìr, agus bu tric a bha iad mar seo le chèile a’ sgur na bu bhochda na bha iad a’ tòiseachadh.”

Tha zulu air an robh an t-ainm Mùirneag ainmeil ann an eachdraidh an iasgaich ann a Leòdhas. Bha Alasdair MacLeòid, a rugadh air a’ Chnoc ann an 1866, na sgiobair oirre fad còrr is dà fhichead bliadhna. Bha e fhèin agus Mùirneag aithnichte eadar Ceann Bharraigh is Sealtainn, ann an Arcaibh agus anns a’ Bhruaich agus cho fada air falbh ri Lowestoft is Yarmouth. Far am biodh an sgadan bhiodh Mùirneag agus Alasdair.

Tha modail dhith ri fhaicinn an seo:

collections.rmg.co.uk

Tha fiosrachadh mun iasgach ann an Leòdhas ann an Tasglann Aonghais MhicLeòid: 

angusmacleodarchive.org.uk