Guth nan Gael
Le taic bho Cholmcille, sgeama maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal air dòigh gun tèid Guth nan Gael, am pròiseact iomlaid chultarail leis an Ionaid Oirghialla ann an Dùn Dealgan, Èirinn, air aghaidh am-bliadhna, a bhios a togail air soirbheachadh a phròiseict air na beagan bliadhnaichean a dh’ fhalbh.
Tha sinn a’ sireadh sgioba de shianar luchd-ciùil is seinneadairean òga às Alba, aois 14-18 agus a tha fileanta sa Ghàidhlig airson seachdain làn thachartasan cànain agus cultair còmhla ri sianar chluicheadairean òga às Èirinn, ann an Uibhist a Deas san Dàmhair.
‘S e ar n-amas sgilean cànain agus co-thuigse air dualchas nan Gàidheal ann an Alba agus Èirinn a bhrosnachadh le bhith a’ cur bùthan-obrach ciùil agus òran, cuairtean cultarach agus cothroman taisbeanaidh air dòigh. Thèid an sgioba a stiùireadh le luchd-ciùil thàlantach agus seanchaidhean aig a bheil sàr-eòlas air an dualchas.
Uibhist a Deas
Am-bliadhna, ‘s ann 24mh den Dàmhair – 28mh den Dàmhair ann an Uibhist a Deas a bhios am pròiseact.
Bidh cothroman ùine a chur mu seach le luchd-ciùil òga eile agus a bhith an lùib thachartasan cultarail a thèid a chur air dòigh.
Com-pàirtichean
A bheil thu:
- Aois 14-18?
- A’ bruidhinn na Gàidhlig?
- Aig ìre-mheadhanach neo adhartach air ionnsramaid ciùil neo seinn?
- Saor eadar 24-28 Dàmhair
‘S e cothrom air leth a th’ ann a bhith a’ coinneachadh le luchd-ciùil òga eile o thaobh thall Sruth na Maoile.
Thèid siubhail, àite-fuirich agus biadh a chur air doigh do chom-pàirtichean air fad.
Foirm-iarrtais
Gheibhear foirm–iarrtais goirid air loidhne ana sheo. Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro Dhiluain 23 t-Sultain 2019.
Chithear dealbhan bhon phròiseact anns na bliadhnaidhean a dh’ fhalbh air Facebook
Ma tha ceistean sam bith oirbh mun phròiseact, cuiribh fios air Laura Nicolson air 01463 225 559 neo laura@feisean.org
Tha sinn gu mòr an comainn do Cholmcille, Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge airson an taice leantainniche a tha iad a’ cumail don phròiseact-sa.