Goireasan Fèisgoil

Seo far am faighear goireasan foghlaim do luchd-teagaisg agus oidean a tha Fèisgoil air cruthachadh thar nam bliadhnaichean. Brùth air na cinn gu h-ìosal airson goireasan iomchaidh a lorg.

CÀNAN

Don òigridh:

Do dh’inbhich:

Faicibh ‘Pròiseactan Fa-leth’ gu h-ìosal airson barrachd ghoireasan iomchaidh (pròiseactan iomadh-ealaineach m.s.a.a.)

CEÒL
  • Stòr-data Òrain Ghàidhlig FnG
    Na h-òrain air fad a tha sinn air cruinneachadh agus air cruthachadh thar nam bliadhnaichean tro dhiofar phròiseactan.
  • ICO: Pasgan nan Òran
    Òrain Ghàidhlig agus Albais le faclan feumail agus ceistean gus tuigse an òigridh air na h-òrain a leasachadh.
  • ICO: Stòras na Fìdeig
    Puirt shìmplidh, dòighean-teagaisg aig diofar ìrean gus misneachd a thogail agus adhartas a bhrosnachadh, agus beachdan air structar clas.
  • ICO: Thigibh is Cluichibh
    Goireas bhidio a’ togail air obair Stòras na Fìdeig. Anns gach bhideo, cluichidh an luchd-ciùil am port gu mal, meadhanach mal agus gu siùbhlach ma tha seo freagarrach, leis an dùil gum bi seo feumail do chluicheadairean aig diofar ìrean.
  • ICO: Pasgan nam Fìdeag
    Beachdan a bharrachd airson puirt air an fhìdeig, air am measadh aig diofar ìrean le ceòl sgrìobhte agus taic a bharrachd don chluicheadair le diagram.
  • Seinn: Uibhist & Barraigh • 2022-23 & 2023-24 | 2024-25
    Goireas òrain bhon phròiseact Seinn a thèid a lìbhrigeadh do gach clas ann an Uibhist agus Barraigh ann an co-obrachadh le CnES.
  • Saoghal na Cloinne Bige
    Co-obrachadh le CnES gus òrain a dhèanamh a’ riochdachadh latha ann am beatha bèibidh – freagarrach do phàrantan agus an cuid chloinne òga.
  • Pasgan Òrain Nollaige FnG
    Cruinneachadh de dh’òrain Nollaige agus òrain gheamhradail, an dà chuid traidiseanta is ùr, freagarrach do chlann.

Faicibh ‘Pròiseactan Fa-leth’ gu h-ìosal airson barrachd ghoireasan iomchaidh (pròiseactan iomadh-ealaineach m.s.a.a.)

DRÀMA
PRÒISEACTAN FA-LETH

Do chlann bun-sgoile:

Do chlann àrd-sgoile:

  • NEART • Taisbeanadh
    Pròiseact anns an robh FnG an sàs le àrd-sgoilearan CnES ann an co-obrachadh le Foghlam Alba agus e-Sgoil, a’ bruidhinn riutha mu na còraichean aca a thaobh na Gàidhlig anns an sgoil, anns a’ choimhearsnachd agus ann an saoghal na h-obrach.

Do chlann agus inbhich:

  • Tabhaich (Coimhearsnachd): Eilean Thiriodh | Eilean Cholla | Eilean Bhòid
    Bileagan fiosrachaidh co-cheangailte ri eachdraidh na Gàidhlig, faclan-iasaid, ainmean-àite na sgìre, luchd-ciùil na Gàidhlig agus òrain Ghàidhlig ionadail.
  • Fuaran
    Pròiseact rannsachaidh do luchd-labhairt òga na Gàidhlig far am faighear cothrom òrain a rannsachadh agus a chlàradh airson an glèidheadh.
  • Oide
    Cùrsaichean ann an iomadh ionnsramaid bho luchd-ciùil ainmichte ann an saoghal ceòl traidiseanta. Faodaidh feadhainn le ùidh clàradh airson plana aig trì diofar ìrean, a’ tòiseachadh aig £10/mìos.
Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer