Tha grunn dhòighean ùra ann Gàidhlig ionnsachadh. Bha Ùlpan ga chur gu feum le cuid de dh’ùghdarrasan ionadail agus cùrsaichean air an dealbh a’ cleachdadh an t-siostaim seo agus dòighean-teagaisg cànain eile, nam measg Duolingo. Bho chionn 2021, chaidh com-pàirteachas a stèidheachadh eadar BBC, MG ALBA, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig airson SpeakGaelic a leasachadh agus ’s i iomairt ioma-mheadhanach a tha seo le deagh ghoireasan na cois.
Chan eil teagamh nach e an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh a bhith am measg sluagh no coimhearsnachd Ghàidhlig agus dòigh a lorg air a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach.
Tha na buannachdan an lùib dà-chànanas a-nis dearbhte agus tha cothroman ùra a’ nochdadh fad na h-ùine a’ Ghàidhlig a chur gu feum ann an saoghal an latha an-diugh, biodh sin eadar cothroman-cosnaidh agus cur-seachad.
Faclan feumail
| Gàidhlig | Gaelic | |
| Ag ionnsachadh na Gàidhlig | Learning Gaelic | |
| Sgoil | School | |
| Bun-sgoil | Primary School | |
| Àrd-sgoil | Secondary School | |
| A’ dol don sgoil | Going to school | |
| Tha mi anns an sgoil | I am in school | |
| Tha an sgoil math | The school is good | |
| Neach-teagaisg/Tidsear | Teacher | |
| Cuspair | Subject | |
| Sgoil mhòr/Sgoil bheag | Big school/Small school | |
| Sgoil Ghàidhlig | Gaelic School | |
| Colaiste | College | |
| Tha mi sa cholaiste | I am in college | |
| Oilthigh | University | |
| Tha mi aig an oilthigh | I am at university | |
| Tha mi nam oileanach | I am a student | |
| Tha mi ag ionnsachadh | I am learning | |
| Bidh mi a’ dol gu clas Gàidhlig | I go to a Gaelic class | |
| Is toil leam a bhith a’ bruidhinn | I enjoy speaking | |
| Èist rium | Listen to me | |
| Tha leughadh a’ còrdadh rium | I enjoy reading | |
| Tha mi a’ tuigsinn | I understand | |
| Chan eil mi gad thuigsinn | I don’t understand you | |
| Can a-rithist e | Say it again | |
| A’ bruidhinn a-mach | Speaking out | |
| ’S e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach | Early learning is beautiful learning |


















