Le taic bho Mhaoin a’ Chrannchuir aig Alba Chruthachail, tha ionnsramaidean ciùil ri fhaighinn bho Fèisean nan Gàidheal airson a dhèanamh cinnteach gu bheil goireasan teagaisg a tha a dhìth air na Fèisean aca an asgaidh.
Aig amannan eile dh’fhaodadh daoine fa leth ionnsramaid a ghabhail air mhàl aig prìs gu math reusanta. Tha liosta de na prìsean ri fhaighinn an seo no air taobh deas na duilleige.
Leigibh fios gu Lucas Slater air luke@feisean.scot no air fòn 01478 613355 le bhur n-iarrtasan.