‘S e sgeama a th’ ann am Maoin nan Ealan Gàidhlig, maoinichte le Alba Chruthachail, air a riaghladh le Fèisean nan Gàidheal is fosgailte do bhuidhnean is daoine fa leth.
Tha £45,000 ri sgaoileadh ann an 2020-21. Ged a tha Fèisean nan Gàidheal a’ ruith an sgeama, thèid co-dhùnaidhean air tabhartasan a dhèanamh le panail a chaidh a stèidheachadh leis na buill a leanas:
- Màiri Kidd (Alba Chruthachail)
- Iain Mac a’ Ghobhainn
- Art MacCarmaig (Fèisean nan Gàidheal)
- Magaidh Nic a’ Ghobhainn
- Sarah NicEachainn
Gheibhear clàr an com-pàirtean an seo.
Feumar tagradh sgrìobhte ullachadh ‘s bidh muinntir Fèisean nan Gàidheal agus Alba Chruthachail a’ measadh phròiseactan.
Tha Maoin nan Ealan Gàidhlig ann gus taic a chumail ri pròiseactan ealan Gàidhlig a chur an gnìomh. Ann an 2020-21 bidh prìomhachas ga thoirt do phròiseactan:
Chan urrainnear Maoin nan Ealan Gàidhlig a chleachdadh:
- Mu choinneamh maoin eile bho Alba Chruthachail.
- Airson co-fharpaisean a chur air dòigh.
Gheibhear stiùireadh agus foirm iarrtais air taobh deas na duilleige ann an cruth PDF. Dh’fhaodar seo a shàbhaladh agus a chur thugainn tro phost-d meg@feisean.org. Dh’fhaodar clàradh tron cheangal seo airson foirm a lìonadh air-loidhne. Aon uair ‘s gu bheilear clàraichte, gheibhear ceangal tro phost-d agus dh’fhaodar a dhol air adhart le iarrtas.
