
Cothrom do dh’ òigridh Fèise aig ìre eadar-mheadhanach / adharthaich
Gheibh dusan neach-ciùil traidiseanta eadar aois ceithir bliadhna deug agus seachd bliadhna deug an cothrom teagasg agus stiùireadh fhaighinn bho shàr sgioba de dh’oidean thairis air deireadh-seachdain sònraichte aig Taigh Bhaile a’ Choillein ann an Siorrachd Rois.
Tha am pròiseact seo, air a chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal, air taic shònraichte fhaighinn bho Mhaoin Leasachaidh Tatù Rìoghail Dhùn Èideann. Bidh e ag amas air daoine òga a th’ air ìre adhartach a ruighinn anns a’ phìob, an fhìdheall, seinn agus dannsa-ceum. Gheibh iad stiùireadh bho thuitearan air leth comasach a tha aithnichte san t-saoghal chiùil thraidiseanta: Fin Moore, Sarah Hoy, Sileas Sinclair is Caroline Reagh.
Thèid agad clàradh airson na deireadh-seachdain an seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath gu Àrd Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Nicola Simpson – nicola@feisean.scot.