Tha sinn air ar dòigh gum bi Fèis an t-Sàmhraidh a’ ruith air-loidhne AN ASGAIDH tro Zoom eadar 12-16 Iuchar le cothroman ionnsachaidh sònraichte do chloinn!
Bidh teagasg tro mheadhain na Gaidhlig ri fhaighinn gach madainn le clasaichean aig 10m agus 11m. Bidh na clasaichean feasgar tro mheadhain na Beurla aig 2f agus 3f. Mairidh na clasaichean mu 30 mionaid ‘s chithear an clàr-ama slàn gu h-iseal.
Tha na clasaichean airson clann 8+ ‘s tha iad freagarrach airson ìre luchd-tòiseachaidh (B) agus ìre eadar-mheadhanach/adhartach (I/A). Bidh cothroman ann cuideachd do chloinn aois 5-7 clasaichean seinn is dràma a dhèanamh.
Luchd-teagaisg
Seinn Katie MacFarlane
Dràma Rachel Kennedy
Fidheall Robbie Greig
Bogsa Iseabail Strachan
Feadan Ashley MacDonald
Giotàr Kaitlin Ross
*** Clàraibh an seo ***
