Ged nach bi Fèisean an t-samhraidh a’ tachairt san dòigh àbhaisteach, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.
Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh. Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.
Tha Fèis Eilean na Hearadh, Fèis Tìr an Eòrna agus Fèis Thiriodh co-obrachadh air taghadh de chlasaichean a thabhann air-loidhne eadar 29 Ògmhios agus 3 Iuchar, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. ‘S ann airson clann eadar 8 (no tòiseachdainn ann an clas 4 san Lùnastal) suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo.
Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.
Madainn aig 10m no Feasgar aig 2f
Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Seinn – Luchd-ionnsachaidh
Madainn aig 11m no Feasgar aig 3f
Fidheall – Ìre Eadar-mheadhanaich/Adhartaich
Bogsa – Ìre Eadar-mheadhanaich/Adhartaich
Feadan – Ìre Eadar-mheadhanaich/Adhartaich
Seinn – Fileantaich
Feasgar aig 4f
Puirt – Ìre Eadar-mheadhanaich/Adhartaich
Airson tuilleadh fiosrachaidh, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuir brath thugainn: samhradh@feisean.scot