Ged nach bi Fèisean an t-samhraidh a’ tachairt san dòigh àbhaisteach, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.
Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh. Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.
Tha Fèis an Rubha air taghadh de chlasaichean a thabhann air-loidhne eadar 20-24 Iuchar, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. Aon uair ‘s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.
‘S ann airson clann eadar 8 (no tòiseachdainn ann an clas 4 san Lùnastal) suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo. Bidh cothrom aig com-pàirtichean aois 5-7 (no tòiseachadh clas 1 sa Lùnastal) clas seinn agus faramachd a dhèanamh cuideachd
10m gach latha
Gaelic song – Aoisean 5-7
Melodeon – Luchd-tòiseachaidh / Beagan eòlais
Percussion – Aoisean 8-18
11m gach latha
Percussion – Aoisean 5-7
Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/beagan eòlais
Melodeon – Eadar-mheadhanach/Adhartach
12f gach latha
Seinn – Aoisean 8-18
Fidheall – Eadar-mheadhanach/Adhartach