Fèisean an t-Samhraidh (Seachdain 5)

Ged nach bi Fèisean an t-samhraidh a’ tachairt san dòigh àbhaisteach, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.  

Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh.  Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn. 

Tha Fèis Eilean an Fhraoich, Fèis Throndairnis agus Fèis Air an Oir air taghadh de chlasaichean a thabhann air-loidhne eadar 27-31 Iuchar, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. Aon uair ‘s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.

‘S ann airson clann eadar 8 (no tòiseachdainn ann an clas 4 san Lùnastal) suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean fa-leth. Bidh cothrom aig com-pàirtichean aois 5-7 (no tòiseachadh clas 1 sa Lùnastal) clas seinn a dhèanamh. Bidh buth-obrach feasgar air leasachadh puirt agus obair-bhuidhne dha àrd-sgoilearan a-mhàin.


10m – 1030m gach latha

Seinn – (5-7 bliadhna a dh’aois) 

Fidheall – (luchd-tòiseachaidh)

Giotàr – (luchd-tòiseachaidh)

Feadan – (luchd-tòiseachaidh)

Bogsa  – (Adhartach)

Fìdeag – (Adhartach)

11m – 1130m gach latha

Seinn – (Clann nas sine na 8)

Fidheall – (Eadar-mheadhanach)

Giotàr – (Eadar-mheadhanach)

Feadan – (Eadar-mheadhanach)

Bogsa  – (Eadar-mheadhanach)

Fìdeag – (Eadar-mheadhanach)

12f – 1230f gach latha

Seinn – (clann nas sine na 8)

Fidheall – (Adhartach)

Giotàr – (Adhartach)

Feadan – (Adhartach)

Bogsa – (Luchd-tòiseachaidh)

Fìdeag – (Luchd-tòiseachaidh)

2f – 330f gach latha

Puirt/Obair-bhuidhne – (Eadar-mheadhanach/Adhartach airson àrd-sgoilearan)

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer