Fèisean an t-Samhraidh – Seachdain 6

Ged nach bi Fèisean an t-samhraidh a’ tachairt san dòigh àbhaisteach, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.  

Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh.  Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn. 

Bidh Fèis Lochabair a’ tabhann taghadh de chlasaichean air-loidhne eadar 3-7 Lùnastal, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. 

Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.

‘S ann airson clann eadar 8 (no tòiseachdainn ann an clas 4 san Lùnastal) suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo. Bidh cothrom aig com-pàirtichean aois 5-7 (no tòiseachadh clas 1 sa Lùnastal) clas dannsa-ceum a dhèanamh cuideachd

Clasaichean Maidne

10m – 1030m gach latha

Fidheall (Gàidhlig) – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais 

Bogsa – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Dannsa-ceum – Clann aois 5-7

11m – 1130m gach latha

Fidheall (Gàidhlig) – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Dannsa-ceum – Luchd-tòiseachadhaidh / Beagan eòlais 8+


Clasaichean Feasgair

2f – 230f gach latha

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Meur-chlàr – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Dannsa-ceum (Gàidhlig) – Eadar-mheadhanach/Adhartach

3f – 330f gach latha

Fidheall – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Meur-chlàr – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Dannsa-ceum – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Seinn – Clann aois 8+

4f – 5f each day

Puirt – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council