Thèid Sgoil-shamhraidh Dràma 2026 a chumail eadar Diluain 6 agus Disathairne 11 den Iuchar* ann am Port Rìgh. Tha i fosgailte do thagraichean aig aois na h-àrd-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig. Rè na seachdain gheibh compàirtichean cothrom iomadach seòrsa sgil dràma ionnsachadh.
Cosgaidh e £160. Tha seo a’ gabhail a-steach teagasg rè na seachdain aig an Ionad aig Àrd-sgoil Phort Rìgh agus àite-fuirich agus biadh aig Ostail Eilginn. Tha taic ri fhaotainn do chuid de theaghlaichean ma bhios sin a dhìth tro Urras Shìm MhicCoinnich a th’air a ruith le Fèisean nan Gàidheal. *Thèid àite-fuirich aig ostail na Sgoile agus dìnnear a chur air dòigh do thagraichean a bhios a’ siubhail a Phort Rìgh air Didòmhnaich 5 den Iuchar.
Chan eil ach 20 àite rim faotainn ‘s mar sin gus d’ àite a ghlèidheadh dèan cinnteach gun lìon thu an fhoirm-clàraidh seo cho luath ‘s a ‘s urrainn.
Briogaibh an seo gus dreach clàir-ama na Sgoile fhaicinn.
Ma bhios ceist sam bith agaibh mu dheidhinn nach cuir sibh fios air Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot no 01463 225 559.

Tha an Sgoil-Shamhraidh Dràma air a maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.


Na leirmheasan a bh’aig cuid de chompàirtichean na Sgoile ann an 2024
Tha e gu math spòrsail agus tha mi air torr ionnsachadh.
Tha an Sgoil cho math. Tha e math cothrom fhaighinn coinneachadh ri daoine ùra ’s cothrom a’ Ghàidhlig agam a chleachdadh.
Tha e còrdadh rium gu mòr. ‘S e cothrom a th’ann mo charaidean fhaicinn a-rithist ’s tha mi gu mòr son tilleadh an ath bhliadhna.
Tha e cho spòrsail. Dh’ ionnsaich mi torr ’s fhuair mi caraidean ùra. Tha am biadh gu math blasta aig an ostail agus tha mi son tilleadh an ath bhliadhna.
Seo an treasamh bliadhna agam aig an Sgoil ’s ’s e cothrom math a th’ann na sgilean dràma agad a leasaschadh agus diofar rudan ionnsachadh mu dhràma cuideachd. ‘S e aon de na h-adhbharan a bhios mi tilleadh ’s e na caraidean a tha thu dèanamh an seo. Tha thu còmhla riutha fad seachdain is tha a h-uile duine cho snog. Tha na bùthan-obrach ’s am biadh sgoinneil cuideachd.
‘S e seo an treasamh bliadhna agam agus tha e cho math is bi mi gu math brònach nuair a bhios e seachad ach bi mi air ais an ath bhliadhna.
Tha mi smaointinn gur e cothrom sgoinneil a th’ ann na sgilean dràma agad leasachadh. Tha torr spòrs againn sna clasaichean agus às dèidh na clasaichean air an oidhche. Tha am biadh sgoinneil cuideachd, gu h-àraidh na Brownies.

Sguad na Sgoile ann an 2023 a’ dèanamh deiseil son ‘partaidh pasgaidh’ às dèidh latha spòrsail ag obair air na filmaichean goirid aca.
Taisbeanaidhean Àrd-ùrlair
Aig deireadh na Sgoile gheibh compàirtichean cothrom na pìosan dràma a dheasaich iad a thaisbeanadh aig tachartas poblach. Gheibhear lorg air clàraidhean de na taisbeanaidhean àrd-ùrlair ro 2018 air seanail YouTube FèisTV.
SSD2018
Call na h-Iolaire, dealbh-chluich a chaidh a thaisbeanadh aig Talla Chille Mhoire air Dihaoine 13 den Iuchar aig Talla Chille Mhoire.
Fiolmaichean-goirid
Gheibh compàirtichean na Sgoile cothrom film goirid a dhèanamh far am faighear cothrom eòlas a chur air na sgilean cleasachd a tha a dhìth air beulaibh a’ chamara. Tha tasglann de na filmaichean goirid a chaidh a chur a-steach don cho-fharpais aig FilmG thar nam bliadhnaichean ri fhaicinn gu h-ìosal.



