An dèidh tairgse phoblach fhuair Fèisean nan Gàidheal cùmhnant le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gus seiseanan Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an trì coimhearsnachdan eileanach – Colla, Tiriodh agus Eilean Bhòid. Fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid taic tro Mhaoin Sgilean nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba gus na seiseanan a lìbhrigeadh agus bidh trì pròiseactan a’ nochdadh fo bhratach Tabhaich.
B’ e a’ chiad phròiseact sreath de shia clasaichean còmhraidh aghaidh-ri-aghaidh gus taic a thoirt don obair a bhios ga dèanadh air loidhne leis an eòlaiche Gàidhlig, Pàdruig Moireach, a bha cuideachd air cùmhnant a ghlèidheadh. Gach seachdain bidh oide ionadail a’ neartachadh na dh’ionnsaicheas com-pàirtichean air-loidhne bho Phàdruig.
A bharrachd air na seiseanan adhartach seo, lìbhrig Fèisean nan Gàidheal seiseanan gus blasad den Ghàidhlig a thoirt do mhuinntir nan eilean agus do luchd-tadhail a bha airson ionnsachadh mun chultar is mu dhualchas nan eilean.
Agus thabhainn seirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal, Fèisgoil, cothrom do na sgoiltean eileanach air fad a dhol an sàs ann am bùth-obrach sònraichte far an do thog sgioba de dhaoine le Gàidhlig aire nan sgoilearan ris na diofar chothroman obrach a th’ ann do luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt a’ chànain ann an iomadach gnìomhachas anns a bheil iad fhèin an sàs.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Tabhaich, cuiribh fios gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich air eilidh@feisean.scot.


