
MEG tabhartas air a bhuileachadh | £11990 |
Cosgais iomlan a’ phròiseict | £7490 |
MEG tabhartas mar % den iomlan | 62% |
Àireamh luchd-tairbhe | 28 |
Geàrr-chunntas:
Tha Fiona J. NicCoinnich a’ fuireach ann an Eilean Chanaigh anns na h-Eileanan a-staigh, far a bheil i na Tasglannaiche aig Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Taigh Chanaigh, dachaigh Cruinneachaidhean Beul-aithris is Òrain nan Caimbeulach. Tha i na seinneadair Gàidhlig air duaisean a chosnadh agus tha i air trì CDan fhoillseachadh air an leubail Greentrax.
Toradh/Amasan:
Bha am pròiseact a’ sireadh taic-airgid airson clàr sònraichte “Tac an Teine” a dhèanamh – taghadh riochdachail de dh’òrain thraidiseanta Ghàidhlig, uile bho Chruinneachaidhean Chaimbeul Chanaigh. Air a chlàradh ann an Eilean Chanaigh fhèin, a’ cleachdadh na h-aon fhuaimean agus àrainneachd a bhiodh air Iain Latharna Caimbeul agus Mairead Fay Seathach a chuairteachadh nuair a chruinnich iad na h-òrain anns na 1930n/40/50n.
Ùrachadh pròiseict:
Bha am pròiseact airson “Tac an Teine” a thoirt gu buil a’ ruith gu ìre mhòr ris a’ chlàr ris an robh dùil. Leanadh air adhart a’ clàradh òrain cho-aimsireil ‘air eilean’ tron gheamhradh agus as t-Earrach 2022 agus chaidh planaichean a chuir nan àite airson na guthan co-aimsireil a chlàradh. Chaidh a’ mhòr-chuid den chlàradh a chumail aig Stiùidio Rose Croft sa Bhlàr Dhubh leis an innleadair Barry Reid aig deireadh a’ Ghiblein/a’ chiad leth den Chèitean 2022. Anns an eadar-ama, chaidh clàran-ciùil a dhaingneachadh agus chaidh mòran ùine a chosg a’ rannsachadh nan clàran fuaim tasglann gu lorg na pìosan agus na guthan as freagarraiche airson na clàraidhean.