leig a-nuas

Guth nan Gael

‘S e pròiseact iomlaid cultaraiche a th’ ann an Guth nan Gael eadar Fèisean nan Gàidheal ann an Alba agus an t-Ionad Oirghialla ann an Dùn Dealgan, Èirinn.  Tha am pròiseact seo a’ toirt cothrom do luchd-ciùil òga eadar sia bliadhna deug agus dhà bhliadhna thar fhichead a dh’aois aig a bheil Gàidhlig no Gaeilge a thighinn còmhla gus ionnsachadh mu na ceanglaichean culturach eadar Alba is Èirinn.

‘S e cleachdadh agus togail na Gàidhlig agus na Gaeilge prìomh amas a’ phròiseict seo is sinn a’ tabhann cothrom do dh’òigridh pàirt a ghabhail ann am measgachadh de thachartasan leithid bhùthan-obrach, chuairtean culturach agus cothroman taisbeanaidh.

San Lùnastal 2018, thadhal sgioba de chòignear à Alba air Dùn Dealgain agus thill buidheann à Èirinn san t-Sultain.  Chluichear uile còmhla aig Ceòl nam Fèis agus an t-Òran Mòr. Chithear dealbhan agus clàraidhean bho na tursan sin air duilleag Facebook a’ phròiseict

Tha sinn fada an comain do CholmcilleBòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge airson an taice leantainniche leis a’ phròiseact seo.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council