’S e seirbheis foghlaim do dh’ùghdarrasan ionadail a th’ ann am Fèisgoil, gu sònraichte do choimhearsnachdan, sgoilearan is tidsearan a tha an sàs ann an cànan, ceòl agus dràma air feadh na dùthcha. On a thòisich i ann an 2015, tha an t-seirbheis air sìor-fhàs a thaobh pròiseactan, sgoiltean agus oidean a tha an sàs.
Tro Bhlasad Gàidhlig, bidh clasaichean cànain gan lìbhrigeadh do sgoilearan bun-sgoile ann an 6 sgìrean uile gu lèir: Comhairle Àir a Deas, Comhairle Bhaile Ghlaschu, Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar, Comhairle Dhùn Dè, Comhairle na h-Eaglais Brice agus Comhairle Earra-ghàidheal & Bhòid. Thèid seiseanan Gàidhlig air adhart ann an grunn sgoiltean far nach eil i ga teagasg an-dràsta thairis air fichead seachdain. Bidh oide ag obair gach seachdain le sgoil gus cùrsa leantainneach agus adhartach a lìbhrigeadh a bhios a’ freagradh air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Ionnsaichidh a’ chlann na Gàidhlig tro gheamaichean, òrain agus gnìomhan spòrsail, agus thèid an tidsearan oideachadh anns a’ chànan aig ìre L2 no L3 cuideachd.
Bheirear cuideachd taic cànain seachad tron phròiseact Beairteas, far am bi muinntir na coimhearsnachd le Gàidhlig a’ toirt seachad an cuid eòlais air cuspair tro mheadhan na Gàidhlig, gus am faigh clann beairteas bhriathrachais agus beairteas dhualchais.
Tron t-seirbheis seo cuideachd bheirear taic do bhuidhnean poblach agus buidhnean eile ann a bhith a’ cur Eòlas air a’ Ghàidhlig agus mar as urrainnear taic a chumail ris a’ chànan tron bhuidheann aca, gu h-àraid le bhith a’ cur Plana Gàidhlig an gnìomh.
Ma bhios sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich eilidh@feisean.scot no 01463 225559.
Builean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais
- a’ toirt chothroman do sgoilearan tuigse nas fheàrr fhaighinn air cultar na h-Alba agus air an t-saoghal
- ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
- a’ cruthachadh chothroman a bhith a’ tuigsinn Gàidhlig, an cànan agus an cultar, ann am barrachd doimhneachd