Tasgadh – Tabhartasan Beaga Ealain Dùthchasach

Chan eil Tasgadh air a riaghladh tuilleadh le Fèisean nan Gàidheal.

Tha TRACS (Ealain is Cultar Traidiseanta na h-Alba) a-nis a’ riaghladh sgeama ùr den aon sheòrsa. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo:  https://tracscotland.org/traditional-arts-and-culture-fund/

‘S e stòras a bh’ ann an Tasgadh a bha maoinichte leis a’ Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail, agus air a riaghladh le Fèisean nan Gàidheal a bha fosgailte do bhuidhnean agus daoine fa leth. Thug Tasgadh taic do luchd-ealain traidiseanta obair a chruthachadh, a chur air an àrd-ùrlair, a chur air chuairt no a thaisbeanadh. Fhuaireas taic airson leasachadh proifeiseanta agus ionnsachadh cuideachd.

Eisimpleirean


Rebecca Hill

Rebecca Hill

Guthan Naomh Anndra

Ionad Sgeulachdan a’ Bhaile

Fèis Shanty Eadar-nàiseanta an Òbain

The Flutefling Collection

Sangstream Folk Choir – Midlothian Miners

Franziska Droll

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer