leig a-nuas

Trèanadh

Latha AN-ASGAIDH airson misneachd is togail a thoirt do luchd teagaisg nam Fèisean agus Fèisgoil. Fiu ’s mur a h-eil thu nad neach-teagaisg an-dràsta, bhiodh fàilte romhad.

Ged a bhios cuideam ga chur air taic do luchd-teagaisg ciùil is cànain, bidh na seiseanan cuideachd freagarrach dhaibhsan a bhios a lìbhrigeadh dannsa is dràma le Fèisean nan Gàidheal.

’S e latha tarraingeach, eadar-obrachail a bhios ann le grunn chuspairean, nam measg:

  • An t-àite a th’ aig a’ Ghàidhlig anns an obair againn/sealladh air cànan sgìreil/goireasan a tha ri fhaotainn (clàraidhean/didseatach/clò-bhuailte)
  • Dleastanasan an neach-teagaisg – Rianachd pearsanta, poileasaidhean Fèisean nan Gàidheal, na tha tidsearan sgoile/comataidhean Fèise a sùileachadh bho neach-teagaisg
  • A’ dìon do ghuth – freagarrach dhan a h-uile duine, chan e seinneadairean a-mhàin!
  • Goireasan ùra bho Fèisean nan Gàidheal
  • A’ cumail stiùir air clasaichean tro ghluasad

A-measg na bhios a’ lìbhrigeadh nam bùithtean-obrach bidh Lori Watson, neach-ciùil is òraidiche ann Eitn-eòlas Albannach agus Wendy Timmons, Stiùiriche MSc Saidheans Dannsa agus Prògram Foghlaim aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, eilidh@feisean.org no 01463 225559. Ma tha thu arson àite a ghlèidheadh, gheibhear tiocaid AN-ASGAIDH tro na ceanglaichean a leanas

Inbhir Nis – 25 Cèitean

Glaschu – 26 Cèitean

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council