

Tha an dàrna pàirt den phròiseact ioma-ealaineach is ioma-eileanach Treòir Voar Virr, air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, fo sheòl anns a’ chiad seachdain den teirm, le sgoiltean air feadh eileanan na h-Alba an dùil a dhol an sàs aig ìrean eadar-dhealaichte tron teirm.
Chunnacas gach cuspair bho ghnìomhachas an sgadain gu ealain Lochlannach air a riochdachadh anns a’ phròiseact àrd-amasach ath-shlànachaidh Covid-19 an-uiridh (*brùth an seo gus fiolm ghoirid fhaicinn mun phròiseact) agus fhuair clann nam bun-sgoiltean cothrom rannsachadh a dhèanamh air cuspairean co-cheangailte ris na sgìrean ionadail aca fhèin, is iad seo air a chur an cèill tro ealain lèirsinneach, ceàird, fiolm, dannsa, òran agus ceòl.
An turas-sa, tha Òrain air Chall mar phrìomh chuspair agus rannsachadh air òrain a tha an ìmpis dol à bith ann an cuid de sgìrean air a dhèanamh le Anna Mhàrtainn, Alasdair Mac ’ille Bhàin, Maureen Flaws, Barry Nisbet agus Jenny Sturgeon am measg feadhainn eile, agus òrain air a chur ris le luchd-obrach Fèisgoil le taic bho Thobar an Dualchais.
Tha mòran de na h-oidean a bha an sàs an turas mu dheireadh air ais air bòrd gus am pròiseact a lìbhrigeadh, ach tha cuid eile air tighinn air bòrd airson a’ chiad turas, neach-ealain nuadh a’ chruth-tìre, Ellis O Connor, nam measg:
Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair air Òrain air Chall oir is e pròiseact sònraichte a th’ ann dhomh a thaobh a bhith a’ glèidheadh agus a’ cumail cuimhne air fiosrachadh air leth inntinneach, ach tha e cuideachd math fhèin a bhith ag obair còmhla ri sgoilearan bun-sgoile an Eilein Sgitheanaich agus dùbhlan cruthachail ùr a thoirt dhomh fhèin!
Ged a tha ceòl agus òrain aig cridhe na cùise an turas-sa, thathar a’ brosnachadh chothroman eòlas na cloinne a leudachadh le bhith ag obair air sgilean ealanta eadar-dhealaichte, mar eisimpleir a’ feuchainn air adan Skekler ann an Sealtainn agus a’ dèanamh cheanglaichean le saidheansan sòisealta tro òrain agus dràma ann an cuid de sgoiltean nan Eilean Siar, gu h-àraid tron cho-obrachadh le CnES air a’ phròiseact Dìleab – Marloch & Metagama.
Tha fiughair oirnn faicinn far an tèid pròiseact TVV Òrain air Chall agus toradh a’ phròiseict a cho-roinn leibhse an seo.
Amy Dunnachie
Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri pàirt a ghabhail anns a’ far-phròiseact a tha seo còmhla ri FnG agus a bhith ag obair còmhla ri sgoilearan Diùra agus Ìle a-rithist. Saoilidh mi gur e foghlam air leth a tha seo dhomhsa cuide ris a’ chloinn ann a bhith ag ionnsachadh mu ar dualchas Gàidhlig. Tha fiughair ort an-còmhnaidh aig toiseach a’ ghnothaich oir chan eil fhios dè thig a-mach às na bùthan-obrach!
Ciara MacTaggart
Tha mi a’ dèanamh fiughair ris a’ bhùth-obrach seo a lìbhrigeadh ann an Ìle is Diùra. Tha a’ chlann ga mo bhrosnachadh gu mòr, is chan eil stad air a’ mhac-meanmna agus air na smuaintean cruthachail a th’ aca. Tha e an-còmhnaidh sònraichte eileamaidean de ar dualchas a thoirt a-steach is e a’ leigeil leis a’ chloinn iad seo a thoirt air adhart leotha!
John Lowrie
Tha mi air mo dhòigh glan a bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal ann an Arcaibh gus taic a thoirt do dhaoine òga na sgìre ann a bhith a’ cur eòlas air na cleachdaidean Arcach aca fhèin. Tha beairteas de dh’òrain is rannan traidiseanta ann an Arcaibh, is chan eil sinn ach air tòiseachadh! Tha mi fhìn cuideachd ag ionnsachadh an t-uabhas tron phròiseact, is a’ lorg seann òrain mhìorbhuileach.
Maureen Flaws
Rè TVV 2021/22 fhuair mi mòr-thlachd bho bhith a’ rannsachadh sgrìobhainnean anns an dualchainnt agus a’ co-roinn na seudan air an d’ fhuair mi lorg. Bha mi air mo bheò-ghlacadh le cuid de dh’obraichean nan sgrìobhadairean sin. Nuair a fhuair mi cuireadh sa chiad dol a-mach a dhol an sàs ann an TVV2 Òrain air Chall, bha iongnadh agus làn-toileachas orm. Bha fiughair orm a’ smaoineachadh air na dh’fhaodadh a bhith “air chall” agus mun dùbhlan a bhiodh ann gan teagasg don chloinn agus an dàimh a th’ aca ris uile a neartachadh: Arcaibh, an t-seann chànan agus an ceòl.
Throughoot TVV 2021/22 I fund immense joy in exploran writeens in dialect and sharean the treashursh I fund. I became quite steeped in some o the writer’s works.
When I furst received the invitation tae be involved in TVV 2 “Lost Songs”, I wis excited tae winder what maey be “Lost” and fur the challenge again o’ learning it tae bairns and enrichan their connection wae hid aal, Orkney and hid’s owld language, and music