Pròiseact-Iomlaid Cultarail 2023
A’ roinn chànan, sgeulachdan, ceòl, òrain, dannsa agus cur-seachadan spòrsail anns an dà àite.
Gabhaidh Turas àite eadar 10-13mh den t-Samhain ann an Conemara agus air cinn-là a thèid a dhearbhadh a dh’aithghearr air a’ Ghàidhealtachd no anns Na h-Eileanan an Iar
Bùitean-obrach
Bheir am pròiseact seo dusan duine òg à Alba agus Èirinn còmhla gus an dualchas Gàidhlig aca a rannsachadh tro sgeulachdan, ceòl, òrain agus dannsa. Bidh com-pàirtichean eadar 12 agus 16 bliadhna a dh’aois, fileanta sa Ghàidhlig no Gaeilge agus aig ìre eadar-mheadhanach gu ìre-adhartach sa chuspair-chiùil aca.
Cuiridh com-pàirtichean seachad deireadh-seachdain ann an sgìrean a chèile (aon ann an Conemara agus aon air a’ Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan), air an stiùireadh leis an sgioba de dh’oidean agus luchd-stiùiridh againn. A bharrachd air an sin, bidh bùitean-obrach air-loidhne ann gus an sgilean-cànain a leasachadh agus gus goireasan Tobar an Dualchais agus Taisce Cheol Dúchais Éireann a sgrùdadh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh post-dealain gu calum.fraser@feisean.scot
