
Duais £750 do dh’oileanach no sgoilear mar chuimhneachan air sàr-Ghàidheal
Tha Urras Foghlam Dhòmhnaill Iain MhicAidh a’ tabhann duais mar chuimhneachan air an obair ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain às leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Bha dlùth cheangal aig Dòmhnall Iain ri obair an t-Sabhail Mhòir, Ionad Rannsachaidh Lèirsinn, An Comunn Gàidhealach, (far an robh na chiad Stiùiriche bho 1965-70), Comunn na Gàidhlig, Alcan Bhreatainn, Comann a Chlò Hearaich, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis fad bhliadhnaichean, a bharrachd air ceanglan ri buidhnean eile.
Thathar a’ sireadh thagraidhean bho sgoilearan fa leth an ceann shuas na h-àrd-sgoile – S5 no S6 – cho math ri oileanaich an Alba ann am foghlam, pàirt-ùine no làn-ùine, aig ìre adhartach no àrd, no a tha ag obair a dh’ionnsaigh ceum dotaireachd.
Thèid an duais a líbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal às leth Urras Dhòmhnaill Iain. Chithear eisimpleirean gu h-ìosal air tagraichean a shoirbhich roimhe agus gheibhear stiùireadh agus foirm iarrtais air taobh deas na duilleige.
Duaisean roimhe
Seonaidh Gallagher

Fhuair Seonaidh Gallagher taic bho Urras Dhòmhnaill Iain MhicAidh òraid a chruthachadh fon ainm Celtic Origins: Archaeologically Speaking, stèidhichte air rannsachadh a bha e air a dhèanamh co-cheangailte ri tùsan nan cànanan ceilteach tro shealladh àrc-eòlais. Ghabhadh òraid Sheonaidh fhaicinn tron cheangal gu h-ìosal.
Sharon Cooper

Fhuair Sharon Cooper taic bho Urras Dhòmhnaill Iain MhicAidh taisbeanadh a chruthachadh le dealbhan de gach seòrsa co-cheangailte ri feur agus lusan, le mìneachadh air na h-ainmean Gàidhlig aca agus fiosrachadh a bharrachd. Thug Comhairle nan Leabhraichean tuilleadh taic dhi a leig le Sharon leabhar tarraingeach fhoillseachadh fon ainm Lusan.


