Bhon ath-sheachdain, thèid trì cleasaichean air turas nàiseanta air feadh nan sgoiltean le Seocan agus am Bogsa-ciùil, a’ tòiseachadh ann an Dùn Èideann Diluain 25 An t-Samhain.
Bidh an dealbh-chluich, stèidhte air Jack and the Beanstalk, air thuras fad ceala-deug a’ taisbeanadh ri 20 bun-sgoil air feadh na dùthcha. Gheibh còrr is 1800 sgoilear ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an cothrom an dealbh-chluich fhaicinn ann an 14 ùghdarrasan ionadail.

A bharrachd air a bhith a’ tadhal air na sgoiltean, thèid taisbeanadh poblach a chumail ann an Cultarlann Inbhir Nis Diardaoin 5 An Dùbhlachd agus bidh fàilte air teaghlaichean is muinntir na coimhearsnachd ann. Fosglaidh na dorsan aig 6.15f agus tòisichidh an oidhche aig 6.30f. Bidh fàilte air tabhartasan air an doras a chuireas taic ri Fèisean nan Gàidheal ann a bhith a’ cur an turais air dòigh. Thèid an taisbeanadh poblach a chlàradh agus bidh e ri fhaotainn air-loidhne às dèidh an tachartais.
Thuirt Aonghas MacLeòid, Oifigear Drama Fèisean nan Gàidheal agus sgrìobhaiche is stiùiriche na dealbh-chluiche: “Anns an sgeulachd tha feum aig Seocan òg air airgead airson na Nollaig agus ann an oidhirp gus beagan airgid a chosnadh dha fhèin ’s a sheanmhair, tachraidh e ri genie fialaidh air a bheil Gary Baba agus fuamhaire cliùiteach don ainm Murdanaidh Mòr (a tha tòrr nas lugha na tha daoine air a bhith a’ cumail a-mach). Chuir na triùir cleasaichean gu mòr ris na caractaran aca ann an dòighean gu math èibhinn agus le ceòl a’ bhogsa, òrain na Nollaige, amaideachd agus cothroman gu leòr don luchd-amhairc pàirt a ghabhail bidh e tlachdmhor don a h-uile duine a bhios an làthair ge b’ e dè ’n aois.”
‘S i Ava NicFhionghain à Comar nan Allt (90 Days, Sweet Charity, Cora: Gaisgeach nan Gràineag) a bhios a’ cluich Seocan. Cuide rithe bidh Fearghas Rothach (Passion, Salt and Light), a’ cluich Gary Baba agus seanmhair Sheocain, agus ban-Sgitheanach Magaidh Ros (Buidheann Dràma Chille Mhoire) a’ cluich Murdanaidh Mòr.
Air cùl gnothaichean, tha Maria agus Niamh Cuthbert air a bhith trang a’ deasachadh èideadh airson an taisbeanaidh agus tha Fèisean nan Gàidheal fada nan comain airson an cuid taic. Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd taingeil don luchd-maoineachaidh cunbhalach aca, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.
Tha Seocan agus am Bogsa-ciùil air a riochdachadh le Fèisgoil, seirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal. Thuirt Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich: “Gach bliadhna bidh am panto Gàidhlig a’ toirt cothrom dhuinn fealla-dhà agus gàire a chur aig cridhe ar seirbheis foghlaim. Agus mar a tha fios againn uile, is gàire a nì leigheas, le rannsachadh a’ sealltainn gum bi ionnsachadh sam bith le feall-dhà, gu h-àraid tro òrain is ath-aithris, a’ brosnachadh chuimhneachain fad-bheatha. Tha e mìorbhaileach a bhith comasach air misneachd a thogail am measg luchd-labhairt òga na Gàidhlig leis na pròiseactan Fèisgoil againn air fad, a’ gabhail a-steach panto làn spòrs.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dhealbh-chluich na Nollaige agus obair dràma Fèisean nan Gàidheal sna sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid tro angus@feisean.scot.


