Tha mòran dhaoine air an tarraing gu ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig tro bhith a’ dol an sàs ann an diofar raointean de shaoghal nan ealan Gàidhlig bho cheòl, òrain agus dannsa gu dràma agus litreachas. Tha prògraman rèidio agus telebhisein gan tarraing cuideachd, cho math ri ceanglaichean eachdraidheil agus dùthchasach.
Tha na h-ealain Ghàidhlig nas tarraingiche na bha iad riamh agus tha luchd-ciùil agus seinneadairean à saoghal na Gàidhlig a-nis am measg feadhainn a tha a’ togail dhuaisean nàiseanta uair is uair.
Tha grunn fhèisean agus tachartasan eile ann an saoghal ealain na h-Alba a tha tarraingeach agus a’ toirt taic do luchd-ealain na Gàidhlig, leithid Blas, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Fèis Cheilteach Innse Gall sna h-Eileanan Siar, Fèis Dhùn Èideann, Piping Live agus Celtic Connections ann an Glaschu.
Tha Fèisean nan Gàidheal ag adhartachadh agus a’ leasachadh còrr agus 47 fèisean a’ teagasg ealain Ghàidhlig stèidhichte sa choimhearsnachd tron bhliadhna air feadh Alba agus tha leasachaidhean ann an dràma Gàidhlig mar phàirt de obair na buidhne. Rinn Pròiseact nan Ealan leasachaidhean mòra ann an saoghal nan ealan Gàidhlig a’ toirt gu buil pròiseactan agus taisbeanaidhean air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig agus air feadh an t-saoghail, leithid Opera Hiort, Leabhar Mòr na Gàidhlig agus iomadh tachartas eile.
Agus tha na Comuinn Eachdraidh a’ toirt cothrom do dhaoine barrachd ionnsachadh mu na cleachdaidhean a bha, agus a tha, aig na Gàidheil agus mun dualchas às an tàinig iad.
Faclan feumail
Ceòl | Music | |
Òran | Song | |
Port/ Sreath phort | Tune/ Selection of tunes | |
Seinneadair | Singer | |
A’ gabhail òran | Singing a song | |
Cuirm | Concert | |
Cèilidh | Gathering | |
Fèis | Festival | |
Fidheall | Fiddle | |
A’ cluich na fìdhle | Playing the fiddle | |
Fidheall | Fiddler | |
Clàrsach | Small Scottish Harp | |
A’ cluich na clàrsaich | Playing the harp | |
Clàrsach | Harper | |
Pìob | Bagpipe | |
A’ seinn na pìoba | Playing the pipes | |
Pìobaire | Piper | |
Neach-ciùil/ Luchd-ciùil | Musician/Musicians | |
Còmhlan | Band | |
Dealbh | Picture, photograph | |
Neach-ealain | Artist | |
Leabhar | Book | |
Sgrìobhadair/Bàrd | Writer/Poet | |
Dualchas | Heritage | |
Eachdraidh | History | |
Comunn Eachdraidh | History Society | |
Cha phàigh taing am fìdhlear | Thanks alone will not pay the fiddler |